Main content
Sorry, this episode is not currently available

le Cathy NicDhòmhnaill

Dè an dòigh as fheàrr do bhagaichean a chuir an òrdugh airson làithean saora? Cathy MacDonald hears top tips on packing light from frequent flyers.

Tha dealbh-chluich ùr, "Through the Shortbread Tin", leis a' bhàrd Màrtainn O' Connor gu bhith ri fhaicinn air feadh Alba thairis air na seachdainean a tha ri thighinn -eadar Steòrnabhagh, Sealtainn, is Dun Èideann. 'S ann stèidhte air mar a chuir Seumas MacMhuirich bàrdachd Oisein ri chèile mar eadar-theangachadh - is na lean de chonnspaid mu bhreugan, foill, is toirt-a-chreids ceangailte riutha - a tha e, le aithris anns a' Bheurla Ghallda, is òrain Ghàidhlig cuideachd san dealbh chluich. Fhuair John Neil Dòmhnallach chun a' chiad oidhche dhen dealbh-chluich ann am Maol Rois - saoil dè rinn e fhèin dheth?

Le làithean saora air fàire do na mìltean aig àm na Càisge - 's iomadh duine againn a bhios a' leum air is a' bruthadh nam bagannan againn, feuch am faigh sinn gach stiall aodaich dhan a' mhàileid. Tha Cathy a' bruidhinn ri triùir a tha gu math eòlach air a bhith siubhal tro na puirt-adhair - is a' cluinntinn dè chomhairle a th' aca fhèin son dèanamh cinnteach gu bheil a h-uile càil anns na bagaichean.

Tha Fionnlagh MacIlleFhinnein air a bhith ri rùrach sna bùithtean carthannais a' feuchainn dè na leabhraichean air am faigh e lorg.

Agus tha Jenny NicDhòmhnaill a' toirt dhuinn blasad air na tha ri fhaicinn, ri chluinntinn, is ri fheuchainn aig Fèis Saidheans Dhun Èideann.

57 minutes

Last on

Thu 3 Apr 2025 22:25

Broadcasts

  • Thu 3 Apr 2025 09:00
  • Thu 3 Apr 2025 22:25