Main content
Sorry, this episode is not currently available

le Cathy NicDhòmhnaill

'S e Dòmhnall Màrtainn a tha cuide ri Cathy mar chèiliche na seachdain sa. Financial expert Donald Martin is Cathy's guest this week.

'S iomadh teaghlach air feadh na dùthcha a tha a' gabhail na grèine is an aimsir cho math thairis air na seachdainean a dh' fhalbh. 'S àbhaist do mhòran falbh thall-thairis airson làithean-saora - ach dè na h-àitichean ann an Alba air an fhiach dhuinn a dhol? Tha Dòmhnall MacNèill, Freddy MacChoinnich, agus Màiri NicNeacail a' moladh na turasan Albannach a chòrd riutha fhèin,

Chaidh barrachd a sgrìobhadh sna naidheachdan mu na h-Eileanan Heard agus Dòmhnallach anns a' Chuan a' Deas sna seachdainean mu dheireadh na chaidh ann an ùine mhòr. Tha seo air sgàth 's mar a chuir Ameireaga cìsean malairt air leth àrd orra - ged nach eil a' fuireachd unnta ach cinn-fionn is ròin! Ach dè seòrsa eileanan a th' unnta? Tha Maureen NicLeòid ag innse dhuinn tuilleadh mu na h-eileanan annasach seo.

Agus 's e Dòmhnall Màrtainn cèiliche na seachdain. 'S àbhaist do Dhòmhnall a bhith air prògraman rèidio ag aithris mu ghnothaichean ionmhais is ceistean airgid; ach le bàtaichean mòra luchd-turais air fàire anns na h-eileanan an t-seachdain sa tighinn, bidh e cuideachd a' toirt luchd-turais a-mach air chuairtean. 'S iomadh sgeulachd is aithris a th' aige ann an còmhradh le Cathy.

57 minutes

Last on

Wed 9 Apr 2025 22:25

Broadcasts

  • Wed 9 Apr 2025 09:00
  • Wed 9 Apr 2025 22:25