Main content
Sorry, this episode is not currently available

le Cathy NicDhòmhnaill

Cuimhneachain air a' Phàpa Prainnseas, a bhàsaich Diluain na Càisge, agus a dhìleab. Remembering the late Pope Francis, his legacy, and personal memories.

Le bàs a' Phàpa Phrainnseis, tha na milleanan de Chaitligich air feadh an t-saoghail a-nise a' leantainn mar a tha an Eaglais Chaitligeach a' dèanamh luaidh air. Tha Cathy a' bruidhinn ri ceathrar mu na cuimhneachain a th' acasan air; eadar a dhìleab mar phàp, agus am beachdan fhèin air. Còmhla rithe tha Iain Eairdsidh Mac a' Mhaoilein, DK Mac a' Phì, Marion NicIlleMhoire, Catrìona NicAonghais, agus Mary Bell Nic an t-Saoir, a choinnich am Pàp is a thug dha geansaidh Èirisgeach sa Ròimh.

'S iomadh magaid còmhraidh a bhios aig clann. Ach tha abairtean ann a bhios sinn a' cleachdadh le clann òg - eadar math-math son biadh, is ba-bà son cadal. Dè na h-abairtean is na facail eile th' againn?

Agus tha Ùisdean MacIlleFhinnein air dithis ghaisgeach a thaghadh à eachdraidh, le dlùth-cheangal ris a' Ghàidhealtachd: Chris Mac an Tàilleir, dealbhaiche chartunaichean do Phàipear Bheag an Eilein Sgitheanaich; agus Kathleen NicDhonnchaidh, a' chiad bhoireannach a ruith suas Beinn Nibheis ann an 1955.

57 minutes

Last on

Tue 22 Apr 2025 22:25

Broadcasts

  • Tue 22 Apr 2025 09:00
  • Tue 22 Apr 2025 22:25