Main content

Còmhla ris an Urr Iain Mac a' Ghobhainn, an Eaglais Shaor Leantainneach.

Seirbheis còmhla ris an Urr Iain Mac a' Ghobhainn bhon Eaglais Shaor Leantainneach. Gaelic service conducted by the Rev Ian Smith, Free Church (Continuing).

Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na sailm agus an leughadh a leanas:
Salm 36: 9-11 air fonn Kilmarnock agus 's e Dòmhnall C MacLeòid a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais Shaor Scalpaigh.
Salm 51: 9-11 air fonn London New agus 's e Dòmhnall Dòmhnallach a tha os cionn na seinn agus Salm 84: 6-7 air fonn Torwood agus 's e an t-Urr Seumas Gracie a tha os cionn na seinn. Chaidh na sailm an clàradh le taic bho choitheanal Eaglais Shaor Shnisòirt san Eilean Sgiathanach.

Leughadh: Sechariah 13:
Ceann-teagaisg Sechariah 13: 1

Rugadh an t-Urr Iain Mac a' Ghobhainn ann am Pabail Iarach anns an Rubha. Mus deach e a-steach airson na ministrealachd bha e na bhùidsear. Tha Mgr Mac a' Ghobhainn pòsta le dithis mhac. Chaidh a phòsadh ris a' chiad choitheanal aige ann an 1994 far an robh e stèidhichte aig Eaglais Shaor Phartaig ann an Glaschu. Dh'fhuirich e an sin gu 2003, gus an do ghluais e gu Tasmania far an robh e na mhinistear ann an Eaglais Chlèireach cheann a deas na dùthcha. Thill e air ais dhan dùthaich seo ann an 2015 agus fhuair e gairm bho choitheanal Eaglais Shaor Leantainneach na Hearadh. Chaidh Mgr Mac a' Ghobhainn a phòsadh ris a' choitheanal sa Chèitean 2016. Tha Mgr Mac a’ Ghobhainn an-diugh air ais ann an Leòdhas, a’ fuireach ann an Ceann a Tuath nan Loch agus air a dhreuchd a leigeil dheth. Tha e fhathast a’ searmonachadh agus a-nise a' cur seachad tòrr ùine aig an taigh a’ dèanamh rud a tha a còrdadh ris gu mòr, ‘s e sin DIY.

4 days left to listen

30 minutes

Last on

Sun 4 May 2025 15:00

Broadcasts

  • Sun 4 May 2025 09:00
  • Sun 4 May 2025 15:00