Main content

le Cathy NicDhòmhnaill

Cò an dithis ghaisgeach a thagh Coinneach MacAoidh à eachdraidh? Who has Ken Roddy MacKay chosen as his history heroes this week?

Chaidh luaidh a dhèanamh air fear-gnothachais Albannach sna beagan làithean a dh' fhalbh - Sir Tom Farmer, a stèidhich companaidh gharaidsean KwikFit. Ach ciamar a dh' èirich e gu àirde ann an saoghal gnìomhachais na h-Alba; agus dè cho ùr is a bha na cleasan margaidheachd is gnothachais aige? Tha Tom MacIlleFhinnein ag innse barrachd mun duine dha Cathy.

Le 50 bliadhna an t-seachdain sa bho chaidh Comhairle nan Eilean Siar a chruthachadh, tha Coinneach Mac a' Ghobhainn a' rùrach ann an Tasglann nan Eilean, agus seann phàipearan na Comhairle. Cuide ris tha Catrìona Dunn, a bha na stiùiriche aig a' Chomhairle; agus Ailig Dòmhnallach, a bha roimhe na fhear-gairm air a' Chomhairle.

Cluinnidh Cathy bho Mhàrtainn Mac an t-Saoir mun leabhar ùr aige, A Summer Like No Other; eadar-theangachadh de nobhail Gàidhlig a sgrìobh e. Ach carson a tha e air eadar-theangachadh; is cionnas a dh' obraich sin?

Agus 's e Coinneach MacAoidh a th' air dithis ghaisgeach a thaghadh dhuinn à eachdraidh. Saoil cò tha e fhèin a' measadh mar ghaisgeach?

13 days left to listen

57 minutes

Last on

Tue 13 May 2025 22:25

Broadcasts

  • Tue 13 May 2025 09:00
  • Tue 13 May 2025 22:25