Còmhla ris an Urr Calum MacLeòid
Seirbheis còmhla ris an Urr Calum MacLeòid, Modarà tair Àrd-sheanadh na h-Eaglaise Saoire 2024/2025. Service with Rev Calum Macleod, Moderator of the Free Church Assembly 2024-2025.
Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na laoidhean agus an leughadh a leanas:
Salm 65: 4-5 air fonn St David leis an Urr Seumas Dòmhnallach os cionn na seinn agus le taic bho choitheanal Eaglais na h-Alba ann an Garrabost.
Salm 45: 2-3 air fonn Evan le Alasdair Greumach os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais Shaor a' Bhac.
Salm 63: 1 air fonn London New le Murchadh MacLeòid os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais Shaor Steòrnabhaigh
Leughadh: Eòin 6: 28 – 44
Ceann-teagaisg: Eòin 6: 28
Leig an t-Urr Calum MacLeòid dheth a dhreuchd mar mhinistear air coitheanal Shiaboist aig deireadh 2023. Am-bliadhna 's e Modaratair na h-Eaglaise Saoire aig an à rd-sheanadh a tha a' tòiseachadh a-mà ireach fhèin.
'S ann do bhaile Shuardail san Rubha a bhuineas an t-Urramach MacLeòid. Chaidh oideachadh ann am Bun-sgoil a' Chnuic agus ann an Àrd-sgoil MhicNeacail. Às dèidh dha an sgoil fhà gail ann an 1974, thòisich e ag obair cuide ri Post Office Telephones, mar a bha orra mus do dh'atharraich iad gu British Telecom agus gu BT mar as eòlaich sinn orra an-diugh.
Thà inig an t-Urramach MacLeòid gu bhith na bhall den Eaglais Shaor san Rubha aig deireadh na 70an. Bha e cuideachd a' teagaisg ann an Sgoil Shà baind, na dheacon agus an uair sin na èildeir anns a' choitheanal.
Phòs e fhèin agus a bhean Catherine ann an 1981 agus tha dithis mhac aca, Graeme agus Stuart.
Dh'fhà g e BT ann an 1997 agus chaidh e a-staigh airson na ministearalachd, a' tilleadh gu fòghlam ann an Colaiste na h-Eaglaise Saoire ann an Dùn Èideann airson trì bliadhna. Chaidh a phòsadh ri coitheanal Shiaboist san Dà mhair 2000 far an robh e gus an do leig e dheth a dhreuchd aig deireadh 2023.
Nuair a gheibh e beagan ùine dha fhèin, rud nach bi a' tachairt ro thric, 's caomh leis a bhith a' falbh air a' bhaidhsagal, a' ruith agus a' coiseachd agus, nuair a dh'fheumas e, bidh e a' dèanamh beagan DIY. Tha ùidh aige cuideachd ann an croitearachd agus sgrìobhadh.
Last on
More episodes
Broadcasts
- Sun 18 May 2025 09:00ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Sun 18 May 2025 15:00ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal