Main content

le Cathy NicDhòmhnaill

An gabhadh cumhachd na grèine sna speuran, a chuir gu feum air an talamh? Could solar power in space be utilised for Earth's electricity needs?

Cha bheag feum a th' againn sa latha an-diugh air cumhachd an dealain; ach tha ceistean mòra ron t-saoghal air fad mu mar a thèid againn air gu leòr a chruthachadh, gus ar caithidh-beatha a dhèanamh seasmhach. Tha aon bheachd air nochdadh o chionn ghoirid ge-tà, nach eil buileach cho àbhaisteach ri mòine, gual, neo eadhon crainn-gaoithe. 'S e sin, dealan a chruthachadh sna speuran le solas na grèine - is a thoirt sìos gu talamh. Ciamar a dh' obraicheadh a' leithid? Tha Iain MacAonghais gar stiùireadh tron a' saidheans.

Cluinnidh sinn eachdraidh Gearasdain nan Camshronach, bho Dhòmhnall Iain Mac an t-Saoir, is e ga thilleadh gu bhith na ghearasdan airm dha-rìribh.

Bidh Cairistiona Cheanadach a' toirt dhuinn beagan de ro-shealladh air tachartas a bhios ann an Lunnainn Diardaoin, a' taisbeanadh òrain spioradail, laoidhean, is sailm Ghàidhlig air an àrd ùrlar.

Agus 's e iad Dùghal Bochanan agus Jim Elliot an dithis a tha Ruairidh MacIlleathain a' moladh dhuinn mar a ghaisgich-san ann an eachdraidh an t-seachdain sa. Ach dè gu sònraichte a tha gaisgeil mu, agus dè tha ceangal, bàrd spioradail na Gàidhlig bhon 18mh linn agus miseanaraidh Aimearaganach a chaidh a mharbhadh ann an Ecuador ann an 1956?

19 days left to listen

57 minutes

Last on

Tue 20 May 2025 22:25

Broadcasts

  • Tue 20 May 2025 09:00
  • Tue 20 May 2025 22:25