
le Cathy NicDhòmhnaill
Tha Cathy anns A' Chòrn 's i a' faighinn blasad air cultar agus eachdraidh an à ite. Cathy visits Cornwall, savouring some local produce, folklore and Celtic history.
'S ann sa Chòrn a tha Cathy an-diugh, 's i an là thair aig Fèis nam Meadhanan Ceilteach. Na cois, tha Coinneach Mac a' Ghobhainn agus Angela NicFhionghuin.
Tha Mòinteach Bodmin air togail ceann sna naidheachdan tro na bliadhnaichean, le daoine a' cumail a-mach gu bheil iad air biast de chat fhaicinn a' triall na raointean! Tha Coinneach Mac a' Ghobhainn air a' mhòinteach sin an-diugh ach chan e bèist a tha fa-near dha ach là rach eachdraidheil. Na chois, tha Sìne NicDhòmhnaill agus Fiona NicÌosaig 's iad aig cearcall thursachan a tha na mìltean mòra bhliadhnaichean a dh'aois.
Tha Angela NicFhionghuin a' faighinn blasad air biadh a tha gu mòr co-cheangailte ris A' Chòrn - 's e sin pasties. Na cois, tha Megan NicGill-Fhaolain, Liz NicBheathain agus Ùisdean MacLeòid.
'S tha Cathy agus Angela a' tadhal air à ite a bu mhiann le mòran dhaoine - bùth fuids!
Cuideachd sa phrògram, cluinnidh sinn mun fhilm ùr, The Boxer from Somewhere Else - sgeulachd beatha am bocsair proifeiseanta, Ken Buchanan à Dùn Èideann. Tha John Neil Dòmhnallach air an fhilm fhaicinn 's e ag innse do Chathy mu dheidhinn.
Last on
More episodes
Previous
Next
Broadcasts
- Thu 5 Jun 2025 09:00ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Thu 5 Jun 2025 22:25ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal