
le Cathy NicDhòmhnaill
Dè cho mòr is a tha feum air barrachd airgead airson dìon na dùthcha? How great is the need for more investment in Britain's armed forces?
Gheall a' riaghaltas ann an Lunnainn na billeanan notaichean a bharrachd a chosg air dìon na rìoghachd sna bliadhnaichean ri thighinn. Ach ciamar is cionnas a bu chòir dhaibh sin a dhèanamh - agus dè cho mòr is a tha feum aig na feachdan armaichte air? 'S iad sin na ceistean a th' aig Cathy do thriùir a bh' anns na feachdan: Calum Iain Bartlett, Dòmhnall Iain Mac an t-Saoir, agus Seonaidh MacPhà idein.
'S e Karol Nawrocki ceann-suidhe ùr na Pòlainn. Ach dè tha sin a' ciallachadh dhan an dùthaich sin, agus dhan a' Roinn Eòrpa aig à m cho cugallach? Tha Ryan Dziadowiec, a bhuineas don Phòlainn, agus Derek MacAoidh a tha gu math eòlach air an dùthaich a' bruidhinn ri Cathy mu dheidhinn.
Tha Mairianna NicChoinnich aig Comunn Eachdraidh Cheann a' Loch airson taisbeanadh ùr: A' Chailleach, A’ Ghealach agus Na Tursachan. Le stadaich mhòr na gealaich ann an t-seachdain sa, tha Coinneach MacAoidh bhon chomunn eachdraidh a' bruidhinn ri Mairianna mu dheidhinn.
Agus 's e dithis ghaisgeach gu math eadar-dhealaichte a tha Murchadh MacLeòid air taghadh - am fear-naidheachd Ameireaganach Bob Woodward, agus an saighdear Dà igh MacLeòid à Àrnol, an Eilean Leòdhais.
Last on
More episodes
Previous
Broadcasts
- Tue 10 Jun 2025 09:00ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Tue 10 Jun 2025 22:25ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal