
le Cathy NicDhòmhnaill
Cuimhneachain air tursan-sgoile agus an iomadach à ite eadar-dhealaichte dhan deach iad! Cathy MacDonald speaks to guests about their memories of school trips through the years.
'S iomadh riaghailt is annas a tha an cois iasadan-taighe agus margaidhean an ionmhais. Ach tha e coltach gu bheil e a-rithist comasach do dhaoine taigh a cheannach gun cà il a phà igheadh an toiseach - iasad taighe 100%. Dè dìreach a th' annta agus carson a tha a leithid air tilleadh? Tha an t-eòlaiche ionmhais Dòmhnall Mà rtainn còmhla ri Cathy gus a mhìneachadh.
Cha bheag againn a chaidh air tursan-sgoile air feadh na dùthcha (agus thall-thairis!) thar nam bliadhna. Tha Cathy a' bruidhinn ri còignear mu na cuimhneachain aca fhèin air tursan-sgoile eadar An Fhraing is Tarasaigh: Eilidh NicDhòmhnaill, Iain Tormod MacLeòid, Sarah Fhriseal, Sandra Corbett, agus Iain MacÌomhair. Saoil dè cho eadar-dhealaichte is a bhios na sgeulachdan aca?
Agus tha Brian O hUiginn air trì leabhraichean a thogail dhuinn sna bùithtean carthannais airson deich not - is abair measgachadh. Eadar fèin-eachdraidh Michelle Obama, leabhar gheasan, agus sgeulachdan mu bhith a' siubhal tro thaighean-seinnse Èireannach - 's math as fhiach èisteachd ri sheanchas mun deidhinn.
Last on
More episodes
Previous
Broadcasts
- Thu 12 Jun 2025 09:00ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Thu 12 Jun 2025 22:25ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal