Main content
Litir do Luchd-ionnsachaidh 1352
Litir do Luchd-ionnsachaidh le Ruairidh MacIlleathain. Litir à ireamh 1352. Roddy Maclean reads this week's letter for Gà idhlig learners.
Last on
Sun 15 Jun 2025
13:55
ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal
More episodes
Corresponding Litir Bheag
An Litir Bheag 1048
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 1352
Duration: 05:00
Litir 1352: Leann-fraoich (2)
Bha mi ag innse seann sgeulachd thraidiseanta à Gall-Ghà idhealaibh dhuibh. Bha feachd mòr aig Niall Naoi-ghiallach, Àrd-rìgh na h-Èireann. Bha iad a’ toirt ionnsaigh air na Cruithnich mu dheireadh ann an Gall-Ghà idhealaibh. Bha na Cruithnich air an iomain gu tairbeart faisg air Maol Ghall-Ghà idheil. Cha robh ach ceathrar aca air fhà gail beò – seann duine agus a thriùir mhac.
Air cùl an tairbeirt bha dìg agus uchdan. Tha iad fhathast ann. Canaidh daoine na double-dykes riutha. Dh’fhuirich an ceathrar ghaisgeach an sin airson seachdain. Chuir iad stad air na Gà idheil.
Anns an sgeulachd, bha na Cruithnich gan cumail fhèin beò air biadh ris an canar ‘biadh nan treun’ – the food of the heroes. Ged a tha an cunntas sgrìobhte ann am Beurla, ’s e an t-ainm Gà idhlig a chleachd an sgrìobhadair. Ach gu mì-fhortanach, chan eil e a’ mìneachadh dè th’ ann ann am ‘biadh nan treun’.
Mu dheireadh, an dèidh seachdain, cha robh biadh air fhà gail. Dh’aontaich an seann duine bruidhinn ri teachdaire aig Niall. Gheall an teachdaire dhaibh gum biodh iad air an leigeil mu sgaoil gun chron nan innseadh iad do na Gà idheil mar a dhèanadh iad leann-fraoich.
Dh’aontaich am bodach, ach air cùmhnant car annasach. Bhiodh e fhèin agus a dhithis mhac a b’ òige air an cur gu bà s. Mar sin, chan fhaiceadh iad mar a bha an rùn-dìomhair aca air a thoirt seachad. An uair sin, bhiodh an gille a bu shine aige – air an robh Trost mar ainm – ag innse don t-Sionnach (am fear-brathaidh Cruithneach aig Niall) ann an cagair mar a dhèanadh iad leann-fraoich. ’S e an Sionnach – am brathadair – a bhriseadh dìomhaireachd na reasabaidh. Agus bhiodh Trost air a shaoradh gun chron air.
Dh’aontaich an rìgh ris a’ chùmhnant. Chaidh an Sionnach air adhart le claidheamh na là imh. Cha robh armachd sam bith aig Trost. Dh’iarr Trost air an fhear eile dhol cuide ris gu mullach a’ Mhaoil. Bha iad air bearradh, gu h-à rd os cionn na mara.
Bha iomagain air an t-Sionnach. Ach bha fios aige nach robh an rìgh dèidheil air. Mura faigheadh e an reasabaidh mar a chaidh iarraidh, bha fios aige gum biodh e air a chur gu bà s. Cha robh roghainn aige. Lean e air Trost gu mullach a’ bhearraidh.
‘Thig nas fhaisge,’ thuirt Trost ris. ‘Chan fhaod duine sam bith eile ach thu fhèin an reasabaidh dhìomhair airson leann-fraoich a chluinntinn bho mo bhilean.’
Theannaich an Sionnach a ghrèim air a’ chlaidheamh. Thug e sùil air Trost. Agus thug e sùil air ais air na saighdearan Gà idhealach a bha faisg, agus a’ fàs mì-fhoighidneach. Bha e a-nise ri taobh a’ Chruithnich òig.
Gu h-obann agus gun rabhadh, chuir Trost a ghà irdeanan timcheall an duine eile gus nach togadh e a chlaidheamh. Ghabh Trost grèim teann air. Dh’èigh e gum biodh an rùn-dìomhair air a ghlèidheadh gu sìorraidh. Leum e far a’ bhearraidh, a’ toirt an t-Sionnaich leis. Agus sin mar a chùm na Cruithnich an reasabaidh dìomhair gu sìorraidh.

Faclan na Litreach
Faclan na Litreach: Gall-Ghà idhealaibh: Galloway; Niall Naoi-ghiallach: Neil of the nine hostages; leann-fraoich: heather ale; teachdaire: messenger; cagair: whisper; brathadair: traitor; claidheamh: sword; mullach a’ Mhaoil: the summit of the Mull; grèim: grip.
Abairtean na Litreach
Abairtean na Litreach: Bha na Cruithnich air an iomain gu tairbeart faisg air Maol Ghall-Ghà idheil: the Picts were driven to an isthmus near the Mull of Galloway; cha robh ach ceathrar aca air fhà gail beò: only four of them were left alive; air cùl an tairbeirt bha dìg agus uchdan: behind the isthmus was a ditch and embankments; chuir iad stad air X: they stopped X; bha na Cruithnich gan cumail fhèin beò air biadh ris an canar: the Picts were keeping themselves alive on food called; gheall an teachdaire dhaibh: the messenger promised them; gum biodh iad air leigeil mu sgaoil gun chron: that they would be released without harm; nan innseadh iad do X mar a dhèanadh iad leann-fraoich: if they would tell X how they would make heather ale; dh’aontaich am bodach, ach air cùmhnant car annasach: the old man agreed but on a slightly strange condition; bhiodh e fhèin agus a dhithis mhac a b’ òige air an cur gu bà s: he and his two youngest sons would be killed; air bearradh, gu h-à rd os cionn na mara: on a cliff high above the sea; cha robh roghainn aige: he had no choice; thug e sùil air ais air na saighdearan Gà idhealach a bha faisg, agus a’ fàs mì-fhoighidneach: he looked back at the Gaelic soldiers who were close, and becoming impatient; gus nach togadh e a chlaidheamh: so that he wouldn’t lift his sword; dh’èigh e gum biodh an rùn-dìomhair air a ghlèidheadh gu sìorraidh: he shouted that the secret would be kept forever; leum e far a’ bhearraidh, a’ toirt X leis: he jumped from the cliff, taking X with him; mar a chùm na Cruithnich an reasabaidh dìomhair gu sìorraidh: how the Picts kept the recipe secret forever.
Puing-chà nain na Litreach
Puing-chà nain na Litreach: biadh nan treun: the food of the heroes. This is the Gaelic name given to the food that sustained the Pictish warriors for the week. However, what it consists of is not explained. Perhaps it was the roots of carra-meille ‘the tuberous vetch’ which was used as a hunger suppressant by Highland warriors and drovers. If any reader knows what it might have been, I would love to hear from them at fios@learngaelic.scot.
Gnà thas-cainnt na Litreach
Gnà thas-cainnt na Litreach: a thriùir mhac: his three sons.
Broadcast
- Sun 15 Jun 2025 13:55ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.