Main content
This programme will be available shortly after broadcast

le Cathy NicDhòmhnaill

Ciamar a dh' obraicheadh pàigheadh coitcheann do gach duine ann an Alba? As a government report calls for a pilot scheme, how would a minimum income guarantee work in Scotland?

Mhol aithisg do riaghaltas na h-Alba far am bu chòir dhan a' h-uile duine ann an Alba a bhith airidh air suim sònraichte de dh' airgid sa bhliadhna - is a' riaghaltas gam pàigheadh, mura h-eil iad a' cosnadh gu leòr. Ach ciamar a dh' obraicheadh a' leithid, agus an dèanadh e ciall sam bith a thaobh an eaconamaidh? Tha Cathy a' faighinn beachd an eòlaiche eaconamaich Iain Caimbeul, agus dithis a tha eòlach air obair shòisealta: Iain Eairdsidh Mac a' Mhaoilein, agus Carol NicIllÈoin.

Tha John Neil Dòmhnallach air sùil fhaighinn air dealbh-chluich stèidhte air a' Ghàidhealtachd, a tha ri fhaicinn ann an Dun Èideann an t-seachdain sa. Dè th' ann an "The Croft", agus ciamar a tha e a' làimhseachadh eachdraidh is a' taisbeanadh na Gàidhealtachd?

Air mìos far a bheilear a' comharrachadh na duilgheadasan a th' aig cuid le clann a bhith aca, tha Aileen Elder a' cluinntinn sgeulachd Mhàiri NicLeòid - a chaidh bho choinneamh le doctair a dh' innis dhith nach biodh leanabh aice a-chaoidh, gu bhith an-diugh na màthair do nighean bheag.

Agus 's i Beth Frieden a tha air a bhith ri rùrachd sna bùithtean carthannais dhuinn, feuch dè na trì leabhraichean a b' fheàrr a lorgadh i airson £10.

Release date:

57 minutes

On radio

Today 09:00

Broadcasts

  • Today 09:00
  • Today 22:25