Main content
Sorry, this episode is not currently available

Campaichean nam Prìosanach 1943-45

Gàidheil len cuimhneachain air campaichean nam prìosanach eadar 1943-45. Recollections on life in prisoner of war camps during World War Two.

Bha na mìltean mòra ann an grèim aig na Gearmailtich tron chogadh, air an glasadh ann an campaichean a bhiodh nan dachaigh dhaibh fad bhliadhnaichean.

‘S iomadh fear a thill asta bho uallach is trom-inntinn an dèidh na chunnaic agus na dh’fhulaing iad. Ach 's ann bha ’d sin gam faicinn fhèin fortanach oir ‘s iomadh fear is tè nach d’fhuair a-riamh dhachaigh agus a bhàsaich annta.

Bha an dùbhlan a bha ro na prìosanaich gu mòr an urra ri dè an campa sa robh iad agus càite. Ach aon uair ‘s gu robh iad air an glacadh, cha robh dol às ach gabhail ris gu robh iad air an cuairteachadh taobh a-staigh ballachan an nàmhaid.

Bha mòran Ghàidheil air an àireamh.

Anns a phrògram an-diugh, cluinnidh sinn bho: Ruairidh agus Dòmhnall Ailean MacIlleathain, Murchadh MacCuidheis agus Dòmhnall MacFhionghuin, uile à Uibhist a' Tuath 's Dòmhnall Iain Dòmhnallach à Uibhist a' Deas, à Nis ann a Leòdhas, Seonaidh MacGillìosa, Murchadh Moireach agus Aonghas MacIlleathain 's à Siadar Bharabhais, Ruairidh Moireastan. A' bruidhinn cuideachd, tha Iain Dòmhnallach agus Aonghas Fearghasdan bho na Lochan ann a Leòdhas agus à Eilean Mhuile, Iain Simpson.

Tha am prògram air a lìbhrigeadh le Dòmhnall MacLeòid 's chaidh a chraoladh an toiseach ann an 2005.

30 minutes

Last on

Sun 29 Jun 2025 10:00

Broadcasts

  • Mon 23 Jun 2025 15:30
  • Wed 25 Jun 2025 20:00
  • Sun 29 Jun 2025 10:00