Main content
Sorry, this episode is not currently available

le Cathy NicDhòmhnaill

Còmhradh, deasbad, cultar agus cur-seachadan le Cathy NicDhòmhnaill. Conversation, discussion, culture and lifestyle with Cathy MacDonald.

Tha na naidheachdan air a bhith togail cheistean mu cò thig às deidh an Dalai Llama – ceannard spioradail air leth cudromach don chreideamh Buddhist, gu sònraichte ann an Tibet. Ach cò dìreach a th’ ann an sluagh Tibet, mun cluinn sinn cho tric ceangailte ri smachd Shìona air an dùthaich sin? Tha Maureen NicLeòid ag innse dhuinn beagan mun deidhinn.

Cluinnidh sinn mu cuirm-ciùil sònraichte a tha gu bhith ann an Steòrnabhagh Dihaoine mar chuimhneachain air an seinneadair Gàidhlig, Alma Kerr Jamieson, a chaochail na bu thraithe am bliadhna seo. Bhuannaich Alma am Bonn Òir aig a' Mhòd Nàiseanta ann an 1958, aig an àm sin ‘s i na neach a b’ òige a-riamh a rinn sin 's i 18 bliadhna a dh' aois. Choisinn i cliù fad bhliadhnaichean às dèidh sin a' teagasg ciùil is òran ann an sgoiltean Leòdhais.

Nì Tom MacIllinnein lèirmheas air an leabhar ùr air eachdaraidh shòisealta na h-Alba "To See Ourselves: A Personal History of Scotland Since 1950” a sgrìobh Alistair Moffat.

Gach Dimàirt, bidh aoigh a' taghadh dithis dhaoine à eachdraidh a tha iad am beachd a tha airidh air urram. An-diugh, tha Iain MacIlle Chiar, air taghadh Dwelly agus A’ Bhana-Mhorair Evelyn Stiùbhart Mhoireach a chruinnich tòrr sgeulachdan beul-aithris ann an Siorrachd Pheairt.

57 minutes

Last on

Tue 8 Jul 2025 22:25

Broadcasts

  • Tue 8 Jul 2025 09:00
  • Tue 8 Jul 2025 22:25