Main content
This programme will be available shortly after broadcast

Màrtainn Dòmhnallach a' dèanamh luaidh air Finlay J

A' comharrachadh ceud bliadhna bho rugadh an craoladair 's an t-ùghdar Finlay J Dòmhnallach. Commemorating100 years since the birth of broadcaster and author Finlay J Macdonald.

Bha ceud bliadhna air 4mh den Iuchar 2025 bho rugadh Fionnlagh Dòmhnallach, Finlay J, ann an Sgarasta sna Hearadh, fear de laoich craoladh na Gàidhlig - agus na Beurla - an Alba. A thuilleadh air a bhith na riochdaire air radio is telebhisean, bha e cuideachd na ùghdar, a' sgrìobhadh trì leabhraichean ainmeil - Crowdie and Cream, Crotal and White agus The Corncrake and the Lysander.

Stèidhich e Comann Dràma na Gàidhlig agus, còmhla ri Ruairidh MacThòmais, stèidhich e, agus bha e na fhear-deasachaidh air, an iris Ghàidhlig, Gairm.

Nuair a bhàsaich Finlay J air seachdain a’ Mhòid ann an 1987, chaill saoghal na Gàidhlig fear a bh’ air barrachd a dhèanamh airson na h-ealain Ghàidhlig a chur mu choinneamh dhaoine na là na bha duin’ eile, mar a sheall Màrtainn Dòmhnallach anns a' phrògram seo a' dèanamh luaidh air a bheatha. Chaidh am prògram a chraoladh an toiseach san Dùbhlachd 1987.

Release date:

30 minutes

Broadcasts

  • Monday 15:30
  • Next Wednesday 20:00
  • Sun 13 Jul 2025 10:00