Main content
Sorry, this episode is not currently available

le Cathy NicDhòmhnaill

Cò bh' anns na Moors, agus dè bhuaidh a thug iad air ailtireachd is ealain na Spàinne? Who were the Moors, and what effect did they have on Spanish art and architecture?

Cò bh' anns na Moors, agus dè bhuaidh a thug iad air ailtireachd is ealain na Spàinne? Le obair-ealain aig Salvador Dali ga reic a tha a' togail air a' cheangal a bha Dali a' faireachdainn ri sinnsearachd nam Moor, tha Calum Iain Bartlett a' mìneachadh an eachdraidh fhad is a tha Màrtainn Mac a' Bhàillidh a' mìneachadh an ailtireachd!

Dè bh' anns an snaim a chuir Fionn air na ceithir coin? A-rèir choltais, 's e sin an ainm a bh' ann an Leòdhas airson gèam coltach ri Cat's Cradle, a chluicheas tu eadar do làmhan le sreang. Tha Fanch Bihan-Gallic a' lorg dhaoine a tha air cluinntinn an ainm seo, is tha e a' bruidhinn ri Cathy mun oidhirp aige beul-aithris is seanchas air a' chuspair a chruinneachadh.

Tha 850 bliadhna ga chomharrachadh am bliadhna, bhon a chaidh inbhe baile a’ bhuileachadh air Glaschu. Eadar seo agus deireadh na bliadhna, bi sinn a' tadhal air diofar làraich 's a bhaile, mar chomharra air a sin. An-diugh, tha Mairianna NicChoinnich a' coinneachadh ri Alasdair MacIlleBhàin aig Cnuic a Choitcheann, far a bheil sealladh ri fhaighinn air a bhaile bhon ear gun iar, 's bho tuath gu deas.

Agus tha Gina NicDhòmhnaill a' toirt dhuinn a beachd air A Real Rousing Day - the 1930s Uist Diaries of Dr James Campbell, leabhar bho Urras Leabhraichean nan Eilean a chaidh fhoillseachadh na bu thràithe air a' bhliadhna.

58 minutes

Last on

Thu 31 Jul 2025 22:25

Broadcasts

  • Thu 31 Jul 2025 09:00
  • Thu 31 Jul 2025 22:25