Main content
Sorry, this episode is not currently available

le Cathy NicDhòmhnaill

Dè cho fallain is a tha eaconamaidh Obar Dheathain is roinn ola is gas na h-Alba? How strong is Aberdeen and Scotland's economy, and the oil and gas sector generally?

Le aithrisean sna pàipearan gun deach deugachadh mhìltean de dh' obraichean a chall ann an roinn ola is gas na h-Alba, tha Cathy a' cur a' phrosbaig air Obar Dheathain. Dè cho fallain is a tha eaconamaidh a' bhaile, agus a bheil ceistean mòra ro phrìomh bhaile ola is gas na Rìoghachd Aonaichte? Tha triùir a tha a' fuireachd ann an Obar Dheathain - Ruairidh MacLeòid, Coinneach MacMhathain, agus Mairead Mhoireasdan - a' beachdachadh air a' chùis.

Gheibh sinn lèirmheas air leabhar ùr Sarah Vine, How Not To Be A Political Wife, bhon tè-naidheachd Anna NicLeòid.

Tha Màirianna NicChoinnich agus Caoimhinn Walker air chuairt ann am Pàirc na Bànrigh an Glaschu - anns an dàrna h-iris de shreath a' comharrachadh 850 bliadhna de bhaile Ghlaschu.

Agus cò na gaisgich ann an eachdraidh a tha Wilma NicUalraig air taghadh?

57 minutes

Last on

Tue 5 Aug 2025 22:25

Broadcasts

  • Tue 5 Aug 2025 09:00
  • Tue 5 Aug 2025 22:25