le Cathy NicDhòmhnaill
Tha Donnchadh Dòmhnallach a' toirt sùil tro leabhar mu dualchas chiùil baile Ghlaschu. Duncan MacDonald reviews Glasgow's Greatest Hits: Tales from the City of Glasgow.
An t-seachdain sa chaidh, bhàsaich fear le guth air an do chuir na milleanan eòlas. B’ esan an speuradair, Jim Lovell 's a thuirt na facail ainmeil “Houston, we’ve had a problem” – is e air am misean Apollo 13 chun a’ ghealaich. Chaochail e Diardaoin aig aois 97. Tha sin a’ fàgail nach eil ach sianar a-nise beò, a bha an-sàs sa phrògram Apollo – ceathrar dhiubh, a chòisich air aghaidh na gealaich o chionn còrr air 50 bliadhna. Tha Aonghas Dòmhnallach ag innse beagan dhuinn mun sianar sin.
Tha Comhairle Ghlaschu am beachd cuir as do leabharlannaichean ann an àrd-sgoiltean a bhaile. Dè an t-àite a th' aig leabharlannaiche ann am beatha sgoilearean? Bheil e gu diofar ged nach biodh leabharlannaiche ann, cho fad 's gum biodh leabharlann fhèin ann? Tha Dòmhnall Iain Dòmhnallach, a bha na cheannard-sgoile agus Rosemary Ward bho Urras Leabhraichean na h-Alba a' toirt beachd air a chuspair.
Nochd leabhar beag ùr bho chionn ghoirid mu dualchas ciùil Ghlaschu. Tha Glasgow's Greatest Hits: Tales from the City of Glasgow a' ruith air na daoine, na còmhlain agus na cuirmean a th'air a bhith 's a bhaile thar nam bliadhna. Tha Donnchadh Dòmhnallach a' toirt troimhe.
'S tha an Dotair Aonghas Mac Choinnich a' taghadh dithis à eachdraidh, a tha e measadh a tha airidh air urram.
Last on
More episodes
Previous
Broadcasts
- Tue 12 Aug 2025 09:00ѿý Radio nan Gàidheal
 - Tue 12 Aug 2025 22:25ѿý Radio nan Gàidheal