Main content
Sorry, this episode is not currently available

le Cathy NicDhòmhnaill

Tha Cathy a' cluinntinn bho cheathrar mun cuimhneachain air na ciad làithean sgoile aca. Cathy MacDonald speaks to guests about their memories of their first day at school.

Bidh aire an t-saoghail air Alaska Dihaoine - agus coinneamh mhòr ann eadar ceann-suidhe na Ruis, Vladimir Putin, is ceann-suidhe nan Stàitean Aonaichte, Dòmhnall Iain Trump. Tha Trump a' dèanamh tòrr dhen chomas aige sìth aontachadh eadar dhùthchannan - ach mus tòisich a' choinneamh mhòr mun a' Ucràin, tha Maureen NicLeòid a' toirt sùil air a' choinneamh a bh' aig Trump san Taigh Gheal Dihaoine sa chaidh. Bha sin eadar Armenia is Azerbaijan, dà dhùthaich a th' air a bhith dol eadar strì is sabaid son còrr air 30 bliadhna. A bheil e na chomharra air na dh' fhaodadh a thighinn à còmhraidhean sìth na Ucràin?

Tha Cathy a' cluinntinn bho cheathrar mun cuimhneachain air na ciad làithean sgoile aca, is sgoilearan air feadh na dùthcha a' tilleadh dha na clasaichean neo a' dol unnta às ùr mun àm sa dhen bhliadhna.

Tha Màrtainn Mac an t-Saoir a' toirt dhuinn a bheachd air dealbh-chluich ann an Dun Èideann, air a bheil Skye.

Agus le 80 bliadhna air fàire bhon latha a ghèill Iapan san Dàrna Cogadh - sùil air ais dhan tasglann, is guthan a bh' ann is a chunnaic.

57 minutes

Last on

Thu 14 Aug 2025 22:25

Broadcasts

  • Thu 14 Aug 2025 09:00
  • Thu 14 Aug 2025 22:25