Main content
Sorry, this episode is not currently available

le Cathy NicDhòmhnaill

'S iad Ruairidh Rothach agus Murchadh A MacLeòid a tha a' toirt sùil air na colbhan beachd. Guests, Roddy Munro and Murdo A MacLeod review the weekend's newspaper columns.

Gach Diluain bidh dithis ann an cuideachd Cathy, a' toirt dhuinn taghadh bho cholbhan beachd an deireadh-sheachdain. An-diugh, 's iad Ruairidh Rothach agus Murchadh A MacLeòid aig a bheil taghadh na seachdain-sa.

Tha taisbeanadh Cianalas is Dòchas ri fhaicinn ann am Museum nan Eilean ann an Sgoil Lionacleit an-dràsta far a bheilear ag innse eachdraidh eilthireachd thar na linntinn, cuid a chaidh am fuadachd agus cuid eile a dh’fhalbh gu saor-thoileach. Chaidh Angela NicFhionnghuin a thoirt sùil air an taisbeanadh cuide ri Catriona NicCuish, à Museum nan Eilean, agus Seònaid NicDhòmhnaill. Am measg na tha air an taisbeanadh tha pìosan ealain ainmeil à Taigh Tasgaidh Nàiseanta na h-Alba, cruinneachadh Ealain Fleming-Wyfold, Scottish Diaspora Tapestry agus stuth ionadail aig an taigh tasgaidh fhèin.

57 minutes

Last on

Mon 18 Aug 2025 22:25

Broadcasts

  • Mon 18 Aug 2025 09:00
  • Mon 18 Aug 2025 22:25