Main content

le Cathy NicDhòmhnaill

Dè th' ann an osmosis, agus ciamar a ghabhas dealan a chruthachadh às? Cathy MacDonald learns how the scientific process of osmosis is being used to generate electricity in Japan.

Tha stèisean cumhachd air fosgladh às ùr ann an Iapan a tha a’ cleachdadh cumhachd osmosis. Thathas an dòchas gun cruthaich seo gu leòr dealan airson salainn a thoirt à uisge na mara, gus bùrn glan a thoirt gu baile Fukuoka. Ach dè th' ann an osmosis, agus ciamar a tha an stèisean seo ag obair? Tha an t-eòlaiche saidheans Iain MacAonghais agus an t-eòlaiche innleadaireachd Murchadh Moireach còmhla ri Cathy le tuilleadh.

Chan e rud ùr a th' anns an fharpais eadar Glaschu is Dun Èideann - an dà bhaile as motha ann an Alba. A rèir rannsachadh ùr ge-tà, 's ann aig Dùn Èideann a tha làmh an uachdair nuair a thig e gu caitheamh-beatha nan òganach: eadar biadh, oidhcheannan a-muigh, is àitichean uaine. Ach a bheil seo fìor? Sin a' cheist a th' aig Cathy do cheathrar a tha eòlach air an dà bhaile, is aig a bheil iomadach diofar bheachd!

Agus ged a tha aire nam meadhanan air a bhith air rannsachaidhean ùra Stonehenge o chionn ghoirid, dè na làraich arc-eòlach ann an Alba a tha airidh air urram? Cluinnidh sinn trì taghaidhean eadar-dhealaichte bho thriùir mu na h-àitichean as sònraichte nam beachdsan: Coinneach MacIlleathain, Cairistìona Nic an t-Saoir, agus Iain MacCoinnich.

15 days left to listen

57 minutes

Last on

Tue 2 Sep 2025 22:25

Broadcasts

  • Tue 2 Sep 2025 09:00
  • Tue 2 Sep 2025 22:25