le Cathy NicDhòmhnaill
Sgeulachdan bho bhith bèicearachd - nuair a tha rudan a' dol mar as còir, neo nach eil! Cathy MacDonald hears about when our baking efforts go to plan... or go not at all to plan!
Tha Urras Oighreachd Chà rlabhaigh a' sireadh bheachdan dhaoine air taigheadas air an oighreachd aca - ach dè dìreach na trioblaidean a th' ann a thaobh taigheadas ann an sgìrean coltach ris an oighreachd, agus dè feum a th' anns an iarrtas? Tha Coinneach Iain MacIlleFhinnein, cathraiche an urrais, a' bruidhinn ri Cathy mu dheidhinn a' cho-chomhairleachaidh.
Cha bheag de chron a tha plastaig a' dèanamh air an à rainneachd; neo am feum is an fhèill a th' air rudeigin a ghabhas à ite, às aonais a chron. Ach dè mu dheidhinn balgan-buachair? An dèidh do dhuine ann an Ameireaga seòladh còrr air fichead mìle ann an kayak air a dhèanamh à balgan-buachair, tha an t-eòlaiche saidheans Iain MacAonghais a' toirt sùil gheur air freagairt annasach don trioblaid.
Le sreath ùr agus clà ran-milis ùra aig The Great British Bakeoff air na scrionaichean againn a-rithist, tha Cathy cuideachd a' faighneachd do cheathrar mu mar a tha a' dol dhaibh p' fhèin sa chidsin nuair a bhios iad ri bèicearachd. Cluinnidh sinn an dà chuid mu na rudan as fheà rr a nì iad, agus na rudan as miosa th' air tachairt dhaibh is iad a' fuine!
Agus 's iad Flòraidh NicDhòmhnaill, a chuidich am Prionnsa às deidh Bliadhna Theà rlaich, agus Grace Darling, a shà bhal mòran bho thubaist-mara ann an 1838, na gaisgich a tha Mairead NicÌomhair air taghadh ann an eachdraidh dhuinn. Saoil carson a tha an dithis a tha seo cho gaisgeil na beachd fhèin, agus dè as fhiach dhuinn cuimhneachadh mu na sgeulachdan aca an-diugh?
Last on
More episodes
Previous
Broadcasts
- Last Tuesday 09:00ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Last Tuesday 22:25ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal