Main content
Sorry, this episode is not currently available

le Cathy NicDhòmhnaill

Who will win this year's prestigious RIAS architectural award? Tha triùir a' toirt sùil air na làraich a tha ruith duais Aonadh Rìoghail nan Ailtire an Alba am bliadhna.

Chaidh làrach caisteil rìoghail a lorg ann an Ìle bho chionn ghoirid - sgìre a tha aithnichte mar chridhe Rìoghachd nan Eilean. Tha an Dr. Màrtainn MacGriogair, a tha na eòlaiche air eachdraidh na h-Alba, a' mìneachadh dè tha an làrach seo ag innse dhuinn.

Tha Aonachadh Rìoghail nan Ailtire ann an Alba ( RIAS – Royal Incorporation of Architects In Scotland) air geàrr liosta fhoillseachadh airson duais Anndra Doolan. Tha an duais ga thoirt seachad gach bliadhna son am pròiseact  às fheàrr ann an Alba. Tha triùir aoighean a' toirt sùil air na ceithir structuran a tha strì  ason duais na bliadhna'sa.

Tha Coinneach Mac a' Ghobhainn agus Mairead Morgan air chuairt ann a Ros Maircnidh, far an d' fhuair arc-eòlaichean lorg air òrnaidean umha bho chionn ghoirid, 's iad a dèanamh a-mach gu bheil iad mu 3000 bliadhna a dh' aois.

Tha Dòmhnall Màrtainn air a bhith coimhead a phrògram, On The Front Line-The War Detectives air iPlayer a BhBC. Tha am prògram ag innse mu mar a chaidh lorg fhaighinn air cuirp dithis shaighdear Albannach 's air an obair a bhios Comisean Uaighean Cogaidh a Cho-Fhlaitheis a dèanamh gus faighinn a-mach cò iad. Tha Dòmhnall air dà thuras a ghabhail gu raointean cogaidh na h-Eòrpa 's air faicinn dha fhèin an obair anns a bheil an Comisean an sàs, fad na h-ùine.

57 minutes

Last on

Tue 30 Sep 2025 22:25

Broadcasts

  • Tue 30 Sep 2025 09:00
  • Tue 30 Sep 2025 22:25