Main content
Litir do Luchd-ionnsachaidh 1367
Litir do Luchd-ionnsachaidh le Ruairidh MacIlleathain. Litir à ireamh 1367. Roddy Maclean reads this week's letter for Gà idhlig learners.
Last on
Sun 28 Sep 2025
13:55
ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal
More episodes
![]()
Corresponding Litir Bheag
An Litir Bheag 1063
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 1367
Duration: 05:06
Litir 1367: Bha Siud Ann Reimhid
Thà inig leabhar Gà idhlig a-mach à s ùr na bu trà ithe dhen bhliadhna. ’S e an tiotal a th’ air Bha Siud ann Reimhid agus chaidh fhoillseachadh an toiseach o chionn caogad bliadhna. ’S e Lisa Storey – a bhuineas do Bhatarsaigh – a rinn an leabhar. Tha e na chruinneachadh laghach de sgeulachdan traidiseanta à beul-aithris.Â
Thà inig mi tarsainn air an leabhar o chionn fhada. Cha robh mòran Gà idhlig agam aig an à m sin. Cha do thuig mi am facal ‘Reimhid’ ann an tiotal an leabhair. Chan eil e ann an Gà idhlig Shiorrachd Rois agus cha robh mi eòlach air. Thug mi sùil ann am faclair Dwelly, agus cha robh reimhid an sin nas motha. Agus, aig an à m sin, cha robh mi eòlach air Gà idhlig nan Eilean mu Dheas far a bheilear a’ cleachdadh an fhacail.
Tha reimhid a’ ciallachadh ‘beforehand’. Tha e stèidhichte air an fhacal roimhe ‘before it’, no mar a chanas cuid reimhe. Bhiodh seanchaidhean a’ tòiseachadh sgeul mu sheann tachartasan le ‘Bha siud ann reimhid’. Ann an dualchainntean eile, math dh’fhaodte gun canadh iad, ‘Uair a bha siud’ no ‘Latha a bha seo’ no ‘Bha uaireigin bodach ann ...’Â
Bha Lisa Storey ag obair le Sgoil Eòlais na h-Alba nuair a bha i rudeigin òg agus ’s ann on stòras aig an Sgoil Eòlais a tha a’ chuid as motha de na stòiridhean anns an leabhar a’ tighinn. Tha iad ann an Gà idhlig ghlan, ghnà thasach le dealbhan snoga an siud ʼs an seo.
’S e tè de na sgeulachdan anns an leabhar Biorachan Beag agus Biorachan Mòr. Dh’inns mi dreach dhen sgeul fo ainm eile – Morachan is Mionachan – ann an Litrichean dà cheud, naochad ’s a h-ochd (298) gu trì cheud (300).Â
Tha an sgeulachd a’ dol tro shreath de dh’ainmhidhean is suidheachaidhean mus ruigear an ceann-uidhe. Tha Biorachan Mòr ag iarraidh slat a ghabhadh air Biorachan Beag gus nach itheadh e cus de na cnòthan. Ach chan e rud sìmplidh a th’ ann slat a lorg! Carson nach leugh sibh an dreach glan dhen sgeul ann an Bha Siud ann Reimhid?
Tha sgeul ainmeil eile anns an leabhar – ’s e sin A’ Ghobhar Ghlas. Tha e mu dheidhinn gobhar a dh’fhà gas a cuid mheann aig an taigh nuair a dh’fhalbhas i don chladach a dh’iarraidh maorach. Fhad ’s a tha i air falbh, tha am madadh-ruadh a’ tighinn. Agus ... uill ... chan inns mi dhuibh dè thachras!
ʼS e an rud a tha feumail do luchd-ionnsachaidh na Gà idhlig gu bheil dreachan de na sgeulachdan rin cluinntinn air là rach-lìn Thobar an Dualchais. Mar eisimpleir, anns an leabhar, tha dreach dhen sgeulachd thraidiseanta ‘Plocach a’ Ruamhaire agus Corra-Chriostag’.Â
Tha trì diofar dhreachan dhen sgeul seo ann an Tobar an Dualchais – air an innse le triùir dhiofar sgeulaichean à Uibhist. Agus ciamar a tha an sgeul a’ tòiseachadh anns an leabhar? Tha le seo: ‘Bha siud ann reimhid bodach’.
ʼS e an sgeul mu dheireadh anns an leabhar fear beag goirid ris an canar ‘Coileach agus Sionnach’. Tha e a’ tòiseachadh mar seo: ‘Bha siud ann reimhid coileach spaideil ...’
Tha am madadh-ruadh ag innse don choileach gu bheil iad cà irdeach do chèile. Tha an coileach rudeigin gòrach, agus tha e a’ suidhe gu socrach ri taobh a’ mhadaidh. Uill, tuigidh sibh nach robh an coileach glic sin a dhèanamh!

Faclan na Litreach
Faclan na Litreach: Bhatarsaigh: Vatersay; beul-aithris: oral tradition; Gà idhlig Shiorrachd Rois: Ross-shire Gaelic; Sgoil Eòlais na h-Alba: The School of Scottish Studies; A’ Ghobhar Ghlas: The Grey Goat; coileach spaideil: a smart-looking cockerel.
Abairtean na Litreach
Abairtean na Litreach: Thà inig leabhar Gà idhlig a-mach às ùr na bu trà ithe dhen bhliadhna: a Gaelic book was republished earlier this year; chaidh fhoillseachadh an toiseach o chionn caogad bliadhna: it was first published fifty years ago; bhiodh seanchaidhean a’ tòiseachadh sgeul: storytellers would commence a story; uair a bha siud: once upon a time; latha a bha seo: one day; bha uaireigin bodach ann: there was at one time an old man; ’s ann on stòras aig an Sgoil Eòlais a tha a’ chuid as motha de na stòiridhean a’ tighinn: it’s from the archive of the School of (Scottish) Studies that most of the stories come; ann an Gà idhlig ghlan, ghnà thasach le dealbhan snoga an siud ʼs an seo: in rich, idiomatic Gaelic with attractive illustrations here and there; tro shreath de dh’ainmhidhean is suidheachaidhean: through a series of animals and situations; tha X ag iarraidh slat a ghabhadh air Y gus nach itheadh e cus de na cnòthan: X wants to take a rod to Y so that he won’t too many of the nuts; gobhar a dh’fhà gas a cuid mheann aig an taigh: a goat that leaves her kids at the house; nuair a dh’fhalbhas i don chladach a dh’iarraidh maorach: when she goes to the shore to gather shellfish; air an innse le triùir dhiofar sgeulaichean à Uibhist: told by three different storytellers from Uist; ag innse don choileach gu bheil iad cà irdeach do chèile: is telling the cockerel that they are related to each other; nach robh an coileach glic sin a dhèanamh: that the cockerel was not wise to do that.
Puing-chà nain na Litreach
Puing-chà nain na Litreach: cha robh mi eòlach air Gà idhlig nan Eilean mu Dheas far a bheilear a’ cleachdadh an fhacail: I wasn’t familiar with the Gaelic of the Southern Isles where the word is used. Na h-Eileanan mu Dheas (‘the southerly isles’) or Na h-Eileanan a Deas (‘the south isles’) is a term used to mean Uist and Barra, and associated smaller islands, which lie to the south of Lewis and Harris in the Outer Isles. I have used the traditional genitive plural form nan eilean ‘of the islands’ but you will also hear the nominative plural form used to express the genitive plural meaning.
Gnà thas-cainnt na Litreach
Gnà thas-cainnt na Litreach: mus ruigear an ceann-uidhe: until the end (destination) is reached.
Broadcast
- Sun 28 Sep 2025 13:55ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.