Main content
Litir do Luchd-ionnsachaidh 1370
Litir do Luchd-ionnsachaidh le Ruairidh MacIlleathain. Litir à ireamh 1370. Roddy Maclean reads this week's letter for Gà idhlig learners.
Last on
Sun 19 Oct 2025
13:55
ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal
More episodes
![]()
Corresponding Litir Bheag
An Litir Bheag 1066
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 1370
Duration: 05:01
Litir 1370: Uilleam Hare (3)
Bha mi ag innse dhuibh mun mhurtair Uilleam Hare. O chionn bhliadhnaichean, sgrìobh mi mu dheidhinn agus mun duine a bha ri murt cuide ris, Uilleam Burke – airson an leabhair ‘Mort Mhòr!’ Bha mi faisg air deireadh mo chuid rannsachaidh air a’ chùis. Bha mi a’ dol a-steach a Leabharlann Inbhir Nis agus thachair mi ri fear às a’ Chomraich a bha a’ tighinn a-mach. Fear a bha cà irdeach dhomh fad-às agus a bha mion-eòlach air eachdraidh na sgìre. Tha eagal orm nach eil e beò an-diugh.
Dh’innis mi dha gun robh mi a’ rannsachadh cùis Bhurke is Hare agus thuirt e rium, ‘Uill, tha fios agad gun deach Hare a dh’fhuireach air a’ Chomraich ...?’ Abair iongnadh a bha sin dhomh! Cha robh mi air an sgeul sin a chluinntinn riamh roimhe.
Seo agaibh an sgeul, a rèir beul-aithris. Theich Hare le cead na rìoghachd a Dhùn Phris. Chaidh e à fianais an sin no math dh’fhaodte ann an ceann a tuath Shasainn.
Uaireigin an dèidh sin, nochd coigreach air a’ Chomraich fon ainm Seumas Maxwell, ged a tha na clà ran ag innse dhuinn gur e Uilleam Maxwell a bh’ air gu h-oifigeil. Fhuair e cead fuireach ann an taigh falamh a bha leis an Eaglais. Bha sin ann an Camas Teile, am baile beag far a bheil bùth na Comraich an-diugh. Tha tobhta taigh Mhaxwell ri fhaicinn fhathast.
Bha bean aig Maxwell. Tha cuid ag rà dh gum buineadh i don sgìre. Ach tha feadhainn a’ cumail a-mach gun do lorg e bean ann an à ite eile. Tha aon rud fìor. Mas e Hare a bh’ ann am Maxwell, chan e a’ chiad bhean aige a bh’ innte – an tè a bha còmhla ris ann an Dùn Èideann. Tha e coltach gun do thrèig ise an duine aice an dèidh na cùis-chùirte, agus gun do thill i a dh’Èirinn.
Bha daoine eòlach air Maxwell mar Am Breabadair Teine. ʼS e sin am frìth-ainm a bh’ air no – mar a chanar ann an Gà idhlig na Comraich – an aithnisg aige. His nickname.Ìý
Chan eil daoine buileach cinnteach carson as e am Breabadair Teine a bh’ air. Bha stòiridh ann gun robh e air a losgadh le aol no math dh’fhaodte ann an spreadhadh oir ʼs e spreadhadair a bh’ ann roimhe. Bha là rach na tubaist air aodann. Tha sin a’ tighinn ri sgeul gun do thuit Hare a-steach a shloc-aoil ann an Lunnainn.
Ach tha beachd ann gur e ‘loisgte’ a chanadh daoine ri cuideigin a bh’ air a losgadh, seach ‘teine’, agus tha am facal ‘loisgte’ a’ nochdadh ann an aon aithris mun duine. Tha feadhainn ag rà dh gun robh Maxwell fìor mhath mar bhreabadair agus gun robh dòigh-fhighe luath ùr aige – agus gur e sin as coireach gur e ‘breabadair teine’ a bh’ air mar aithnisg. The fiery weaver, mar gum biodh.
Bhathar ag rà dh gun robh maraichean à s a’ Chomraich ann an Dùn Èideann aig à m cùis-chùirte Bhurke, agus gum fac’ iad Hare. Bha iad ag aithneachadh Maxwell mar Hare nuair a nochd e air a’ Chomraich.Ìý
Ach a bheil sin fìor? Tha eachdraiche air a bhith a’ toirt sùil gheur o chionn ghoirid air Hare agus Maxwell. A bheil esan dhen bheachd gur e an aon duine a bh’ ann? Innsidh mi dhuibh anns an ath Litir!Â

Faclan na Litreach
Faclan na Litreach: Leabharlann Inbhir Nis: Inverness Library; coigreach: stranger, outsider; Camas Teile: Camusteel; tobhta: (house) ruin; spreadhadh: explosion; spreadhadair: blaster, person who uses explosives; là rach: scar, mark; sloc-aoil: lime pit; maraichean: seafarers; eachdraiche: historian.
Abairtean na Litreach
Abairtean na Litreach: faisg air deireadh mo chuid rannsachaidh air a’ chùis: near the end of my research on the matter; thachair mi ri fear às a’ Chomraich: I met a man from Applecross; cà irdeach dhomh fad-à s: distantly related to me; mion-eòlach air eachdraidh na sgìre: exceptionally knowledgable about the history of the area; tha fios agad gun deach Hare a dh’fhuireach air a’ Chomraich: you know that Hare went to live in Applecross; abair iongnadh a bha sin dhomh: that was an enormous surprise to me; cha robh mi air an sgeul sin a chluinntinn riamh roimhe: I had never heard that tale before; theich Hare le cead na rìoghachd a Dhùn Phris: Hare fled to Dumfries with the permission of the authorities; chaidh e à fianais: he disappeared; taigh falamh a bha leis an Eaglais: an empty house that was owned by the Church; am baile beag far a bheil bùth na Comraich: the small village where the Applecross Shop is; gum buineadh i don sgìre: that she belonged to the area; an tè a bha còmhla ris ann an Dùn Èideann: the woman that was with him in Edinburgh; gun do thrèig ise an duine aice: that she abandoned her husband; air a losgadh le aol: burned with lime; a bheil esan dhen bheachd gur e an aon duine a bh’ ann?: does he think they were the same person?
Puing-chà nain na Litreach
Puing-chà nain na Litreach: Am Breabadair Teine: this has been interpreted locally as the ‘burnt weaver’ with an explanation that Maxwell had been injured and burned during blasting operations when he worked as a road contractor in England. But another explanation is given by Alasdair MacIver (Ailidh Buidhe) of Shieldaig (born 1887) who was recorded by the School of Scottish Studies in 1962 (he mistakenly refers to Hare as Burke). In his tale, which can be heard on the Tobar an Dualchais website, he says that the newcomer to Applecross, whose ‘adopted’ name he refuses to give, built a new type of loom which made him so effective and fast at weaving that he earned the nickname ‘Breabadair Teine’.
Gnà thas-cainnt na Litreach
Gnà thas-cainnt na Litreach: ʼS e sin an aithnisg aige: that is his nickname. This is the word (based on aithne) used in Wester Ross Gaelic. It is in Dwelly’s dictionary but is absent in most Scottish and Irish dictionaries.
Broadcast
- Sun 19 Oct 2025 13:55ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.