Main content

le Cathy NicDhòmhnaill

Dè na buannachdan a tha an cois chuairtean a-muigh? Cathy MacDonald hears about the benefits of as little as 20 minutes of exercise.

Cha bheag na buannachdan a tha an cois a bhith a' gabhail cuairt a-muigh, a-rèir luchd-rannsachaidh - eadhon is ged nach biodh ann ach cuairt 20 mionaid. Ach dè an diofar a tha e a' dèanamh ann am beatha dhaoine dha-rìribh? Tha Cathy a' bruidhinn ri ceathrar a tha iad fhèin gu math dèidheil air a bhith muigh, mu na buannachdan a tha iadsan a' faireachdainn a thig bhuaidhe.

Tha Eilidh Daniels a' moladh baile Birmingham dhuinn - baile a tha gu tric sna naidheachdan air adhbharan eadar-dhealaichte, ach aig am bith trèana-cadail a' stad bho thoiseach na bliadhna. Dè an tarraing a tha sa bhaile?

Agus cluinnidh sinn cuideachd mu leabhraichean - An Stàball, leabhar-chloinne air a sgrìobhadh le Anne Ramsay bhon a' Bhac an Eilean Leòdhais; agus leabhar tur eadar-dhealaichte sa Bheurla le Graham MacKay-Burnett, "Benbecula". Saoil a bheil an leabhar eucoir seo, stèidhte air sgeulachd ann an eachdraidh, a' toirt dhuinn dealbh a chreideas sinn de chùis-uabhais bhon 19mh linn.

18 days left to listen

57 minutes

Last on

Tue 21 Oct 2025 22:25

Broadcasts

  • Tue 21 Oct 2025 09:00
  • Tue 21 Oct 2025 22:25