le Cathy NicDhòmhnaill
Ciamar a thogadh tu seann bhroch bho Linn an Iarainn, anns an 21mh linn? Cathy MacDonald discusses the archaeology of Scotland's brochs, amid plans for a new broch in Caithness.
'S iomadh dùn a th' air cladaichean is cnocannan na h-Alba. Nam measg tha dùin bho Linn an Iarainn air an d' thoir sinn "broch" - nòs togalaich nach eil ri lorg ann an à ite sam bith ach taobh siar is taobh tuath na h-Alba. Le iomairt gus broch ùr a thogail ann an Gallaibh air cead dealbhachaidh fhaighinn, ge-tà , tha Cathy NicDhòmhnaill a' bruidhinn ri Coinneach MacIlleathain mu na bhiodh a dhìth airson broch a thogail - is na tha ri ionnsachadh bhon leithid.
Tha Ruairidh MacIlleathain gar toirt air cuairt dha na h-Innseachan, agus e ag innse dhuinn mu sgìre Ladakh, ann am fasgadh beanntan nan Himalaya. Ged a tha buaireadh agus còmhstri air iomairtean mairbhteach adhbhrachadh sna seachdainean mu dheireadh, tha eachdraidh inntinneach agus poilitigs toinnte aig a' sgìre, mar a mhìnicheas Ruairidh dhuinn.
Tillidh sinn dhan a' Ghearasdan cuideachd - agus às dèidh Mòd Nà iseanta Rìoghail na seachdain sa chaidh, tha Mòrag Dhòmhnallach air chuairt cuimhne timcheall air a' bhaile san do chuir i iomadach uair seachad na deugaire sgoile.
Agus tha Aileen Elder a' bruidhinn ri dithis a thà inig dhan Ghearasdan airson a' Mhòid: Fiona NicDhùghaill, agus Ailean Titley a thà inig à Èirinn. Saoil dè rinn iad fhèin dhen t-seachdain aca?
Last on
More episodes
Previous
Broadcasts
- Thu 23 Oct 2025 09:00ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Thu 23 Oct 2025 22:25ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal