Main content

le Cathy NicDhòmhnaill

Ciamar a tha Oidhche Shamhna air atharrachadh tro na ginealaichean? Cathy MacDonald discusses how modern Halloween traditions compare with memories of years gone by.

Cha bheag an àireamh de chomadaidhean a th' air a bhith air na scrionaichean againn thairis air na bliadhnaichean - agus cha bheag na rinn luaidh air Prunella Scales, a chluich Sybil Fawlty san t-sreath ainmeil Fawlty Towers, a bhàsaich an t-seachdain sa. Ach dè tha fàgail cuid a phrògraman comadaidh - gu h-àraidh na "sitcoms" cho soirbheachail seach cuid eile? Carson a tha cuid ann a tha air leth èibhinn dhuinn? Tha Calum MacFhionghuin agus Seonag Monk eòlach gu leòr air cleasachd, sgrìobhadh, is comadaidh - is tha iad còmhla ri Cathy le sùil gheur air dè nì cuid a phrògraman cho buileach èibhinn.

Cluinnidh sinn cuideachd mun chunnart a tha anns an Àrd an Ear - puinnseanachadh methanol, ann an deoch làidir mì-laghail. Dè cho mothachail is a tha luchd-turais don chunnart?

Agus le Oidhche Shamhna air fàire aig an deireadh sheachdain, tha cuimhneachain is còmhradh gu leòr aig Cathy còmhla ri Dòmhnall MacCoinnich, Flòraidh NicThòmais, Artair Donald agus Màiri Ross. Ciamar a tha cùisean air atharrachadh nan cuimhne-san, bho làithean an òige, is ginealaichean òga a-nise a' faighinn Oidhche Shamhna gu math eadar-dhealaichte bhon t-suidheachadh a bh' ann uaireigin?

27 days left to listen

57 minutes

Last on

Thursday 22:25

Broadcasts

  • Thursday 09:00
  • Thursday 22:25