Main content

Eilidh Cameron Sykes

Tha ùidh aig Eilidh Cameron Sykes à Baile a' Chaolais anns na h-òrain bhon sgìre aice fhèin. Eilidh Cameron Sykes from Ballachulish has a keen interest in music.

'S ann à Baile a' Chaolais ann an Loch Abar a tha Eilidh Cameron Sykes agus tha ùidh aice anns na h-òrain bhon sgìre aice fhèin mar a chluinneas sibh tro na taghaidhean aice an-diugh. Tha i a' seinn ann an Còisir Loch Abar agus tha e a' còrdadh rithe gu mòr. Chuir i seachad beagan ùine ann an Alba Nuadh agus thug sin buaidh air an seòrsa ceòl a tha nochdadh tron chuairt chiùil aice cuideachd. Cluinnidh sinn pìosan bho Buddy Macmaster, Còmhlan Cèilidh Gleann Fhionnainn, Kim Carnie agus gu leòr eile.

27 days left to listen

1 hour, 30 minutes

Last on

Yesterday 15:30

Broadcasts

  • Thursday 19:30
  • Yesterday 15:30