Main content
This programme will be available shortly after broadcast

Uibhist a' Deas 's Beinn a' Bhadhla

Episode 5 of 7

Fred MacAmhlaigh a' tarraing à tobar an dualchais an tasglann a' BhBC ann an 1987. Fred MacAulay explores the rich folklore recorded by the ÃÛÑ¿´«Ã½ in the islands and Canada in 1987.

Aig toiseach na bliadhna bha sinn a' comharrachadh ceud bliadhna bha rugadh Fred MacAmhlaigh, Freadaidh Dhòmhnaill Bhàin a' Mhullaich - sàr chraoladair, sgoilear eachdraidh agus canàin, bàrd agus, as cionn a h-uile càil tha sin, fear de mhuinntir Sholais, an Uibhist a Tuath.

A seo tha sinn a' toirt thugaibh sreath phrògraman a rinn e tràth ann an 1987 agus e a' dol dhan tasglann aig Roinn na Gàidhlig aig a' BhBC agus a' taghadh neamhnaidean prìseil às. A seo 's ann air Beinn a' Bhadhla agus Uibhist a Deas a tha e a' tadhal.

Aig toiseach cùis cluinnidh sinn Bill Innes 's e a' tighinn a-steach a Bharraigh le plèana.

Tha Mòr Chaimbeul à Frobost ann an còmhradh ri Eoghainn Mac a' Phì ann an 1960 's i ag innse mar a dh'fhalbh i air mhuinntearas aig aois 20 bliadhna, timcheall air 1888.

Gheibh sinn sgeulachd Àirigh na h-Aon Oidhch' bho Phàdraig MacCarmaig à Thàcleit am Beinn a' Bhadhla agus eachdraidh an òrain, Thàinig Maor na mo Dhàn, agus agus an t-òran air sheinn le Aonghas Iain Mac a' Mhaoilein às an Ìochdair.

Agus tha pàirt de Dhuan na Muilcheartaich aig Aonghas MacIllFhialain à Airigh a' Mhuilleann.

Cluinnidh sinn cuideachd 'Dè nì mi gun Lèine Ghlan' aig Iain Pheadair agus Iain Ruadh Phàdraig, 'Pìobaireachd Dhòmhnaill Duibh' air a sheinn le Alasdair Boidhd agus Seonaidh Roidein a' cluich Under The Bridges of Paris air a' phìob.

Release date:

30 minutes

On radio

Tomorrow 15:30

Broadcasts

  • Tomorrow 15:30
  • Wednesday 20:00
  • Next Sunday 09:30