Main content

An Litir Bheag 1068

Litir Bheag na seachdain sa le Ruairidh MacIlleathain. Litir àireamh 1068. This week's short letter for Gàidhlig learners.

29 days left to listen

5 minutes

Last on

Today 13:30

Clip

An Litir Bheag 1068

Dè a’ Ghàidhlig a tha air slate? Uill, ʼs e ²õ²µ±ôè²¹³Ù a chanas a’ chuid mhòr. Tha ²õ²µ±ôè²¹³Ù a’ toirt dhuinn fhaclan eile, leithid ²õ²µ±ôè²¹³Ùach ‘made of slate’ agus ²õ²µ±ôè²¹³Ùair ‘a slater’.

Bha gnìomhachas na ²õ²µ±ôè²¹³Ùa gu math mòr ann an ceann a tuath na Cuimrigh. Mhothaich mi gur e am facal llech a tha aca airson ²õ²µ±ôè²¹³Ù ann an Cuimris. Air a litreachadh L-L-E-C-H. Tha sin càirdeach don fhacal againne leac. Tha leac a’ ciallachadh ‘flagstone, flat stone, slab’. Leac-teine – hearthstone. Leac an dorais – doorstep.

Ach a bheil leac uair sam bith a’ ciallachadh ‘slate’? Uill, tha. A rèir faclair Dwelly, tha e a’ ciallachadh ‘slate to write on’. Bha clann-sgoile uaireigin a’ sgrìobhadh air leac le cailc.

Dè mu dheidhinn ²õ²µ±ôè²¹³Ùan a tha cho cumanta air mullaichean taighe? An robh daoine riamh a’ gabhail ‘leac’ orra? Uill, bha ann an Ros an Iar. Tha am fiosrachadh sin a’ tighinn bhon leabhar A Hundred Years in the Highlands le Osgood MacCoinnich.

Bha MacCoinnich na uachdaran ann an sgìre Gheàrrloch. Bha Gàidhlig aige. Bha Flowerdale House le a theaghlach mar taigh-oighreachd. Ann an Gàidhlig ʼs e an Taigh Dìge a chanadh – agus a chanas – daoine ri Flowerdale House. Tha an t-ainm a’ ciallachadh ‘Moat House’. Chan eil dìg timcheall an taigh an-diugh. Ach bha dìg timcheall an t-seann taigh a bha ann roimhe. 

Thòisich sinnsear aig Osgood air an taigh a tha ann an-diugh a thogail ann an seachd ceud deug, trithead ʼs a h-ochd (1738). B’ esan an ‘Tighearna Crùbach’, Sir Alasdair MacCoinnich. B’ e Osgood am fionn-ogha aige. Tha sin a’ ciallachadh ‘his great-great grandson.’ Fionn-ogha. 

Ghlèidh iad ainm an t-seann togalaich – An Taigh Dìge – eadhon ged nach robh dìg ann tuilleadh. Ach, airson sgaradh a dhèanamh eadar an seann taigh agus an taigh ùr, chuir iad pìos a bharrachd ris an ainm.

An àite mullach tughaidh, bha mullach ²õ²µ±ôè²¹³Ùach air an taigh ùr. Agus b’ e ainm an taigh ùir – Taigh Dìge nan Gorm-leac. Gorm-leac ‘a shiny black flat stone’ gu litreachail. Feumaidh – aig an àm sin co-dhiù – gur e gorm-leac a bha aca anns an sgìre sin airson ²õ²µ±ôè²¹³Ù.

Broadcast

  • Today 13:30

All the letters

Tha gach Litir Bheag an seo / All the Little Letters are here.

Podcast: An Litir Bheag

The Little Letter for Gaelic Learners

An Litir Bheag air LearnGaelic

An Litir Bheag is also on LearnGaelic (with PDFs)

Podcast