Main content
Sorry, this episode is not currently available

01/01/2007

Tha litir bheag na seachdain aig Ruairidh MacIlleathain.

Clip

An Litir Bheag 85

O chionn bhliadhnaichean, rinn mi prògraman rèidio air eileanan beaga ann an Earra-Ghàidheal. Chaidh mi a Ghiogha, Ulbha, na h-Eileanan Treisnis, Colasa agus Lios Mòr. Chòrd iad uile rium. Bha iad uile brèagha. Bha na daoine orra laghach. Ach chòrd aon eilean rium gu h-àraidh – Lios Mòr.

Thug Dòmhnall MacIlleDhuibh taic mhòr dhomh. Tha Dòmhnall à Lios Mòr. Tha e air a bhith a’ fuireach ann fad a bheatha. Tha fìor dheagh Ghàidhlig aige. Agus tha e fiosrachail mu eachdraidh an eilein.

Sgrìobh Dòmhnall leabhar mu dheidhinn Lios Mòr. Tha e dà-chànanach. ’S e an t-ainm air an leabhar Sgeul no Dhà às an Lios/A Tale or Two from Lismore.

Tha Dòmhnall ag innse mu Naomh Moluag. Bha Moluag cudromach ann an eachdraidh na h-Alba. Bha e beò aig an aon àm ri Calum Cille. A rèir beul-aithris bha an dà naomh air Lios Mòr còmhla. Thuirt Calum Cille, “An e seo an Gàrradh Mòr?”

Fhreagair Moluag, “’S e Lios torrach a tha an seo.” Fhuair an t-eilean ainm mar sin. Lios Mòr. Bha Moluag na anam-charaid don eilean. Anam-charaid – a soul friend. Fhuair Moluag foghlam ann am Manachainn Bheanachair. Tha Beanachar, no Bangor, ann an ceann a tuath na h-Èireann.

Thàinig e gu cladach Lios Mòr. ’S e Port Moluag an t-ainm air an àite. Tha allt ann. Aig an allt bha craobhan feàrn’ a’ fàs. Agus tha craobhan feàrn’ ann fhathast.

Stèidhich Moluag manachainn ann an Ros Mhaircnidh. Stèidhich e manachainn eile aig Mortlach ann am Moireibh.

Stèidhich feadhainn eile àiteachan Crìosdail ann an ainm Mholuaig – ann am Muile, Tiriodh, Ratharsair agus san Eilean Sgitheanach. Tha teampall a tha a’ comharrachadh Mholuaig ann an Nis, ann an ceann a tuath Leòdhais.

Chaochail Moluag anns a’ bhliadhna còig ceud, naochad ’s a dhà (592). Tha cuid ag ràdh gun robh e air a thiodhlacadh ann an Àird Chlach faisg air Eilginn. Tha Dòmhnall a’ sgrìobhadh gun do “dh’fhalbh ceithir air fhichead de ghillean làidir Liosach”. Thug iad an naomh dhachaigh a Lios Mòr. Bha e air a thiodhlacadh anns an eilean. Sia ceud bliadhna às dèidh sin, chaidh Àrd-eaglais Earra-Ghàidheal a thogail anns an aon àite.

Faclan is abairtean

Faclan is abairtean: o chionn bhliadhnaichean: years ago; eileanan beaga ann an Earra-Ghàidheal: small islands in Argyll; chaidh mi a Ghiogha, Ulbha, na h-Eileanan Treisnis, Colasa agus Lios Mòr: I went to Gigha, Ulva, the Treshnish Islands, Colonsay and Lismore; chòrd iad uile rium: I enjoyed them all; gu h-àraidh: particularly; thug Dòmhnall MacIlleDhuibh taic mhòr dhomh: Donald Black gave me great help; tha e air a bhith a’ fuireach ann fad a bheatha: he has been living there all his life; tha fìor dheagh Ghàidhlig aige: he has excellent Gaelic; fiosrachail: informative; dà-chànanach: bilingual; Naomh Moluag: Saint Moluag; cudromach ann an eachdraidh: important in history; beò aig an aon àm ri Calum Cille: alive at the same time as [Saint] Columba; a rèir beul-aithris: according to oral tradition; an e seo an Gàrradh Mòr?: is this the big enclosure/garden?; ’s e Lios torrach a tha an seo: this is a fertile garden; fhuair an t-eilean ainm mar sin: the island got its name like that; bha Moluag na anam-charaid don eilean: Moluag was a soul-friend to the island; foghlam ann am Manachainn Bheanachair: education in the monastery of Bangor; ceann a tuath na h-Èireann: the north of Ireland; cladach: shore; aig an allt bha craobhan feàrn’ a’ fàs: at the burn alder trees were growing; ràinig e an t-Eilean Dubh: he reached the Black Isle; stèidhich X manachainn ann an Ros Mhaircnidh: X established a monastery in Rosemarkie; Mortlach ann am Moireibh: Mortlach in Moray; àiteachan Crìosdail ann an ainm Mholuaig: Christian places in the name of Moluag; ann am Muile, Tiriodh, Ratharsair agus san Eilean Sgitheanach: on Mull, Tiree, Raasay and Skye; teampall a tha a’ comharrachadh Mholuaig ann an Nis: a temple that marks [commemorates] Moluag in Ness; chaochail: died; gun robh e air a thiodhlacadh ann an Àird Chlach: that he was buried in Ardclach; faisg air Eilginn: near Elgin; dh’fhalbh ceithir air fhichead de ghillean làidir Liosach: 24 strong Lismore lads left; thug iad an naomh dhachaigh: they took the saint home; sia ceud bliadhna às dèidh sin: 600 years after that; chaidh Àrd-eaglais Earra-Ghàidheal a thogail anns an aon àite: the cathedral of Argyll was built in the same place.

All the letters

Tha gach Litir Bheag an seo / All the Little Letters are here.

Podcast: An Litir Bheag

The Little Letter for Gaelic Learners

An Litir Bheag air LearnGaelic

An Litir Bheag is also on LearnGaelic (with PDFs)

Podcast