
03/07/2006
Tha litir bheag na seachdain aig Ruairidh MacIlleathain.
Clip
-
An Litir Bheag 60
Duration: 04:02
An Litir Bheag 60
Ann am meadhan an naoidheamh linn deug bha coitheanalan mòra Gà idhlig ann an Inbhir Ùige. Bha Gà idhlig air a bruidhinn ann an Gallaibh – air an taobh an iar agus anns a’ cheann a deas. Ach cha robh Gà idhlig aig muinntir Inbhir Ùige. Carson a bha na coitheanalan Gà idhlig cho mòr, ma-thà ?
Ann am facal – “iasgach”. Chaidh mòran Ghà idheal a dh’Inbhir Ùige airson an iasgaich gach samhradh. Bha iasgach mòr ann an Inbhir Ùige. Bha suas ri ceithir mìle duine a’ dol gu seirbheisean Gà idhlig air an t-Sà baid. Bha iad ann am pà irc anns a’ bhaile.
Bha bonaidean Gà idhealach air na h-iasgairean Gà idhealach. Cha robh bonaidean mar sin air na h-iasgairean Gallta. Ach bha geansaidh air a h-uile iasgair, Gà idheal agus Gall. Bha dà sheòrsa geansaidh aig gach iasgair. Bha fear ann airson obair. Agus bha fear spaideil ann. Bha sin airson gnothaichean sòisealta. No airson a dhol don eaglais.
Bha diofar eadar an dà sheòrsa geansaidh. Bha putanan air an fheadhainn spaideil. Bha na putanan air na guailnean. Bhiodh suas ri ceithir putanan air gach gualann aig geansaidhean iasgairean bhon chosta an ear. Bha cuid de dhaoine comasach air innse dè am port dham buineadh iasgair, le bhith a’ coimhead air na putanan. Mar eisimpleir, bha ceithir putanan air gualann chlì iasgairean à Inbhir Ùige. Bha na putanan uaireannan na chuideachadh nuair a bha iasgair air a bhà thadh. Bha fios aig daoine dè am port às an robh e.
Bha tòrr Gà idhlig ann an Inbhir Ùige ann am mìosan an t-samhraidh ann am meadhan an naoidheamh linn deug. Cha robh cuid de mhuinntir a’ bhaile uabhasach toilichte. Bho à m gu à m, bha sabaid ann eadar Gà idheil is Goill. Bha aimhreit mhòr ann aon turas. Bha sin ann an ochd ceud deug, caogad ’s a naoi (1859). Canaidh daoine “Sabaid Mhòr Inbhir Ùige” rithe. Innsidh mi dhuibh dè thachair an ath-sheachdain.
Faclan is abairtean
Faclan is abairtean: ann am meadhan an naoidheamh linn deug: in the middle of the 19th Century; bha coitheanalan mòra Gà idhlig ann an Inbhir Ùige: there were large Gaelic congregations in Wick: bha Gà idhlig air a bruidhinn ann an Gallaibh: Gaelic was spoken in Caithness; cha robh Gà idhlig aig muinntir Inbhir Ùige: thè people of Wick did not speak Gaelic; chaidh mòran Ghà idheal airson an iasgaich gach samhradh: many Gaels went for the fishing every summer; suas ri ceithir mìle duine: up to four thousand people; a’ dol gu seirbheisean Gà idhlig air an t-Sà baid: going to Gaelic services on the Sabbath; cha robh bonaidean mar sin air na h-iasgairean Gallta: the Lowland fishermen did not have those types of bonnet; dà sheòrsa geansaidh: two types of gansey/jumper; spaideil: of smart appearance; airson a dhol don eaglais: for going to church; bha na putanan air na guailnean: the buttons were on the shoulders; bhon chosta an ear: from the east coast; bha cuid comasach air innse dè am port dham buineadh iasgair: some people were capable of telling what port a fishermen belonged to; le bhith a’ coimhead air na putanan: by looking at the buttons; gualann chlì: [the] left shoulder; uaireannan na chuideachadh nuair a bha iasgair air a bhà thadh: sometimes of assistance when a fisherman was drowned; dè am port às an robh e: what port he was from; cha robh cuid de mhuinntir a’ bhaile uabhasach toilichte: some of the town’s people were not overly pleased; bha sabaid ann eadar Gà idheil is Goill: there was conflict between Gael and non-Gael; aimhreit mhòr: a big riot; canaidh daoine “Sabaid Mhòr Inbhir Ùige” rithe: people call it “The Great Fight of Wick”; innsidh mi dhuibh dè thachair: I will tell you what happened.
All the letters
Tha gach Litir Bheag an seo / All the Little Letters are here.
Podcast: An Litir Bheag
The Little Letter for Gaelic Learners
An Litir Bheag air LearnGaelic
An Litir Bheag is also on LearnGaelic (with PDFs)
Podcast
-
An Litir Bheag
Litirichean do luchd-ionnsachaidh ura. Letters in Gaelic for beginners.