
06/02/2006
Letter for those at an early stage in learning Gaelic.
Clip
-
An Litir Bheag 39
Duration: 04:49
An Litir Bheag 39
An t-seachdain sa chaidh, bha sinn anns an Tulaich. Tha sin ann an Siorrachd Obair Dheathain. Faisg air an Tulaich tha Mòine Ailtridh. Anns an t-seachdamh linn deug, bha duine ainmeil a’ fuireach ann am Mòine Ailtridh. B’ esan Dòmhnall Òg MacFhearchair. ’S e saighdear math a bh’ ann. Bha e sgileil le claidheamh.
           Ann an sia ceud deug is ceathrad (1640), chaidh Dòmhnall a Lunnainn. Bha mòran ann an Lunnainn a’ bruidhinn mu Eadailteach. Bha an t-Eadailteach sin a’ fuireach anns a’ bhaile. Bha e sgileil le claidheamh. Bha e ag rà dh gum b’ esan am fear as sgileile air an t-saoghal.
           Cha robh muinntir Lunnainn measail air an Eadailteach. Bha e ro à rdanach. Cha robh an rìgh measail air. Bha grà in aig an rìgh air. Bha an t-Eadailteach a’ sabaid leis a h-uile duine. Chuir an t-Eadailteach eagal orra. Bha e an-còmhnaidh a’ buannachadh. Bha cuid ag rà dh gun robh draoidheachd aige.
Chuala an rìgh mu Dhòmhnall Òg MacFhearchair à Mòine Ailtridh. Fhuair e fios gu robh Dòmhnall ann an Lunnainn. Dh’iarr e air Dòmhnall dhol don lùchairt aige. Chaidh Dòmhnall ann.
Air an rathad don lùchairt, thachair Dòmhnall ris an Eadailteach. Mharbh Dòmhnall fear de na companaich aig an Eadailteach. Bha an t-Eadailteach feargach. Dh’aontaich iad sabaid an ath là . Bha an rìgh toilichte. Gheall e duais don Albannach airson an t-Eadailteach a mharbhadh.
           Air an oidhche sin, lorg Dòmhnall fear-frithealaidh an Eadailtich. Fhuair e a-mach gu robh draoidheachd aig an Eadailteach. Nuair a bha claidheamh air a thoirt a-mach às a’ bhodhaig aige, bha an lot a’ falbh. Cha robh toll sam bith ann. Bha an t-Eadailteach an-còmhnaidh a’ buannachadh mar sin.
           Thà inig an ath là . Bha an t-Eadailteach agus an t-Albannach a’ sabaid. Shà th Dòmhnall Òg an t-Eadailteach le chlaidheamh. “Tarraing do chlaidheamh a-mach!” thuirt an t-Eadailteach. Ach bha cuimhne aig Dòmhnall air na thuirt am fear-frithealaidh. Dh’fhà g e an claidheamh ann. Thuit an t-Eadailteach marbh.
           Thug an rìgh poca òir do Dhòmhnall. Bha sin mar dhuais airson an t-Eadailteach a mharbhadh. Thill Dòmhnall a dh’Alba. Bha cogadh a’ dol eadar Muinntir a’ Chùmhnaint agus luchd-taic an rìgh. Dhìon Dòmhnall agus Clann ’ic Fhearchair baile Obair Dheathain. Bha sin an aghaidh Muinntir a’ Chùmhnaint. Ach fhuair saighdearan Cùmhnantach grèim air Dòmhnall. Mharbh iad e. Chaidh a thiodhlacadh ann an Obar Dheathain.Faclan is abairtean
Faclan is abairtean: bha sinn anns an Tulaich: we were in Tullich; Siorrachd Obair Dheathain: Aberdeenshire; Mòine Ailtridh: Monaltrie; b’ esan Dòmhnall Ă’g MacFhearchair: he was Donald “Òig” Farquharson; ’s e saighdear math a bh’ ann: he was a good soldier; bha e sgileil le claidheamh: he was skilful with a sword; bha mòran ann an Lunnainn a’ bruidhinn mu Eadailteach: many in London were talking about an Italian; gum b’ esan am fear as sgileile air an t-saoghal: that he was the most skilful man in the world; measail air: keen on; bha e ro Ă rdanach: he was too arrogant; bha grĂ in aig an rìgh air: the king hated him; bha cuid ag rĂ dh gun robh draoidheachd aige: some said he possessed magic; dh’iarr e air Dòmhnall dhol don lĂąchairt aige: he asked Donald to go to his palace; dh’aontaich iad sabaid an ath lĂ : they agreed to fight the next day; gheall e duais: he promised a reward; fear-frithealaidh an Eadailtich: the Italian’s manservant; air a thoirt a-mach Ă s a’ bhodhaig aige: extracted from his body; bha an lot a’ falbh: the wound disappeared [was disappearing]; bha an t-Eadailteach an-còmhnaidh a’ buannachadh: the Italian was always winning; ˛őłóĂ łŮłó: stabbed; tarraing do chlaidheamh a-mach!: pull your sword out!; bha cuimhne aig Dòmhnall air na thuirt am fear-frithealaidh: Donald remembered what the manservant said; bha cogadh a’ dol eadar Muinntir a’ ChĂąmhnaint agus luchd-taic an rìgh: there was a war [going] between the Covenanters and the supporters of the king; dhìon Dòmhnall agus Clann ’ic Fhearchair baile Obair Dheathain: Donald and the Farquharsons defended the town of Aberdeen; fhuair saighdearan CĂąmhnantach grèim air Dòmhnall: Covenanter soldiers got hold of Donald; chaidh a thiodhlacadh: he was buried.
All the letters
Tha gach Litir Bheag an seo / All the Little Letters are here.
Podcast: An Litir Bheag
The Little Letter for Gaelic Learners
An Litir Bheag air LearnGaelic
An Litir Bheag is also on LearnGaelic (with PDFs)
Podcast
-
An Litir Bheag
Litirichean do luchd-ionnsachaidh ura. Letters in Gaelic for beginners.