Main content
Sorry, this episode is not currently available

31/10/2005

Letter for those at an early stage in learning Gaelic.

Clip

An Litir Bheag 25

Bha mi uaireigin a’ teagasg Gàidhlig ann an clasaichean feasgair. Bha mi a’ teagasg fo sgeama nàiseanta. Bha mi a’ cumail ri curraicealam. Bha deuchainnean aig na h-oileanaich.

            Bha liosta agam de na sgilean a dh’fheumadh a bhith aig na h-oileanaich. Dh’fheumadh iad a bhith comasach air ticead rèile a cheannach ann an Gàidhlig. Ach dè cho tric ’s a cheannaich mise ticead rèile ann an Gàidhlig? Cha do cheannaich a-riamh.

Chan eil mion-chànan mar a’ Ghàidhlig coltach ri cànan mòr mar Spàinntis. Tha e feumail do dhuine an sgil a bhith aige airson ticead rèile a cheannach ann an Spàinntis. Anns an Spàinnt bidh daoine a’ ceannach thiceadan ann an Spàinntis.

            Chan eil cùrsaichean Gàidhlig stèidhichte air cànan mòr cèin freagarrach. Agus ’s dòcha nach eil leabhraichean de dh’abairtean Gàidhlig stèidhichte air cànan mòr cèin freagarrach. Nochd fear an-uiridh. ’S e an tiotal a th’ air Gaelic Phrasebook (le Geddes and Grosset). Tha dà rud math mun leabhar. Tha e saor. Tha e a’ cosg trì not’ ach sgillinn. Agus tha fìor dheagh Ghàidhlig aig an ùghdar – Màrtainn Dòmhnallach.

            Tha mòran rudan ann a tha sìmplidh agus feumail do luchd-ionnsachaidh. Mar eisimpleir Càite bheil iuchar an dorais seo? Nach brèagha an là a th’ ann? Dè chanas sibh ri seo?

Ach bha teamplaid eadar-nàiseanta ann airson an leabhair. Tha an aon dreach air ann an iomadach cànan. Agus, leis a sin, tha rudan annasach ann. Rudan mar chòrdadh bòrd rinn air a’ bharraid. Ann an Steòrnabhagh? No dè th’ ann am marag dhubh? Nach eil fios aig a h-uile duine dè th’ ann am marag dhubh?!

Agus bha aig Màrtainn ri ceist annasach dha-rìreabh a chur ann: bheil neach-treòir le Beurla ann? Cò chanadh sin ann an Gàidhlig ann an Alba? Agus dè mu dheidhinn seo: Tha mi uabhasach duilich –’s e coigreach a th’ annam...!

Ach tha rudan feumail anns an earrainn – “getting around by car ferryâ€, oir tha Gàidhlig aig mòran de luchd-obrach Chaledonian Mhic a’ Bhriuthainn. Mar sin bhiodh iad seo feumail: dè an coltas a th’ air an t-sìde? no càite am faigh sinn bilichean son tinneas-mara?

Agus tha an abairt seo ann (airson stèisean rèile) – bileag shingilte gu Glaschu, ler toil. Bidh na h-ùghdarrasan foghlaim toilichte le sin!

Faclan is abairtean

Faclan is abairtean: bha mi uaireigin a’ teagasg Gàidhlig: I was at one time teaching Gaelic; fo sgeama nàiseanta: under a national scheme; bha mi a’ cumail ri curraicealam: I was keeping to a curriculum; deuchainnean: tests; na sgilean a dh’fheumadh a bhith aig na h-oileanaich: the skills the students would need to have; comasach air ticead rèile a cheannach: capable of buying a rail ticket; dè cho tric?: how often?; ³¾¾±´Ç²Ô-³¦³óà²Ô²¹²Ô: minority language ; tha e feumail do dhuine an sgil a bhith aige: it is useful to a person to have the skill; leabhraichean de dh’abairtean Gàidhlig: books of Gaelic phrases; stèidhichte air cànan mòr cèin freagarrach: based on a major foreign language; tha e a’ cosg trì not’ ach sgillinn: it costs £2.99 [three pounds but a penny]; càite bheil iuchar an dorais seo?: where is the key to this door?; nach brèagha an là a th’ ann?: isn’t it a beautiful day; dè chanas sibh ri seo? : what do you call this?; teamplaid eadar-nàiseanta: an international template; chòrdadh bòrd rinn air a’ bharraid: we would like a table on the terrace; dè th’ ann am marag dhubh?: what is a black pudding?; bha aig Màrtainn ri ceist annasach dha-rìreabh a chur ann: Martin had to include a really strange question; bheil neach-treòir le Beurla ann?: is there an English-speaking guide?; cò chanadh sin ann an Gàidhlig ann an Alba?: who would say that in Gaelic in Scotland?; tha mi uabhasach duilich –’s e coigreach a th’ annam...!: I’m very sorry – I’m a foreigner!; luchd-obrach Chaledonian Mhic a’ Bhriuthainn: Caledonian MacBrayne staff; dè an coltas a th’ air an t-sìde?: what’s the weather likely to be?; càite am faigh sinn bilichean son tinneas-mara?: where can we get anti-seasickness pills; mar a bhiodh dùil: as would be expected; bileag shingilte gu Glaschu, ler toil: a single ticket to Glasgow, please; bidh na h-ùghdarrasan foghlaim toilichte: the education authorities will be pleased.

All the letters

Tha gach Litir Bheag an seo / All the Little Letters are here.

Podcast: An Litir Bheag

The Little Letter for Gaelic Learners

An Litir Bheag air LearnGaelic

An Litir Bheag is also on LearnGaelic (with PDFs)

Podcast