
10/10/2005
Letter for those at an early stage in learning Gaelic.
Clip
-
An Litir Bheag 22
Duration: 04:14
An Litir Bheag 22
Nochd pìos de rosg Gàidhlig mu Na h-Eileanan Falcland ann an ochd ceud deug, ceathrad ’s a dhà (1842). Agus nochd e a-rithist o chionn ghoirid ann an leabhar ùr. ’S e an tiotal a th’ air an leabhar ùr Ri Linn nan Linntean: taghadh de rosg Gàidhlig. Tha mi a’ dol a leughadh beagan dheth. Bidh e nas sìmplidhe na bha e bho thùs….
Tha mu cheud eilean fon ainm seo – Eileanan Falcland. Tha iad nan laighe dlùth dha chèile. Tha iad ann an cuan mòr na h-àirde Deas. Tha iad mu cheithir cheud agus ceithir fichead mìle an taobh seo de dh’Ameireagaidh a Deas.
Tha an t-eilean as mò sia fichead mìle air fad, agus leth-cheud mìle air leud. Tha bàghan agus calachan ann. Chan eil duine beò a’ còmhnaidh air an eilean seo. Tha an t-eilean seo gu math mòr. Tha e cho mòr ri Muile, Ìle, ’s an t-Eilean Sgitheanach còmhla. Chan eil crodh no caoraich no eich san eilean. Bidh am feur a’ grodadh air an làr o bhliadhna gu bliadhna!
Tha an dara h-eilean as mò ceithir fichead mìle air fad agus leth-cheud mìle air leud. Tha caol eadar an dà eilean. Tha acarsaidean fasgach air gach taobh dhen chaol. Tha baile beag air an eilean seo. Canaidh iad Port Leòdhais ris. Tha ochd duine deug a’ còmhnaidh air an eilean seo. Tha iad de mhuinntir Ameireagaidh a Deas. Ach tha na h-eileanan le Breatainn.
Tha eileanan beaga eile mun cuairt don dà eilean mhòr seo. Tha iad mu mheudachd Cholla is Chanaigh is Eilean nam Muc. Chan eil duine a’ fuireach orra. Tha na h-eileanan uabhasach coltach ri h-Innse-Gall na h-Alba…
Bu mhath leam rudeigin a ràdh mu Phort Leòdhais. An e ainm Gàidhlig a bh’ ann? An robh Leòdhasaich a’ fuireach ann? Cha chreid mi gu robh. ’S e Port Leòdhais a ghabh an sgrìobhadair Gàidhealach air. ’S e Port Louis an t-ainm a bh’ air ann am Fraingis. Chuir na Frangaich baile ann, ann an seachd ceud deug, seasgad ’s a ceithir (1764). Ach ghabh na Spàinntich thairis e. Agus chuir na Spàinntich ainm ùr air – Puerto Soledad – “am port uaigneach”.
Faclan is abairtean
Faclan is abairtean: nochd pìos de rosg Gàidhlig mu Na h-Eileanan Falcland: a piece of Gaelic prose about the Falkland Islands appeared; a-rithist o chionn ghoirid: again recently; taghadh: selection; nas sìmplidhe na bha e bho thùs: more simple than it was originally; tha iad nan laighe dlùth dha chèile: they lie close to each other; cuan mòr na h-àirde Deas: the great ocean of the south; Ameireaga a Deas: South America; bàghan agus calachan: bays and harbours; chan eil duine beò a’ còmhnaidh air: no living person inhabits; cho mòr ri Muile, Ìle, ’s an t-Eilean Sgitheanach còmhla: as large as Mull, Islay and Skye together; bidh am feur a’ grodadh air an làr: the grass rots on the ground; an dara h-eilean as mò: the second largest island; tha acarsaidean fasgach air gach taobh dhen chaol: there are sheltered anchorages on each side of the channel/sound; tha iad de mhuinntir Ameireagaidh a Deas: they are natives of South America; ach tha na h-eileanan le Breatainn: but the islands are owned by Britain; mu mheudachd Cholla is Chanaigh is Eilean nam Muc: about the size of Coll, Canna and Muck; uabhasach coltach ri h-Innse-Gall: very similar to the Western Isles; bu mhath leam rudeigin a ràdh: I would like to say something; cha chreid mi gu robh: I don’t think so; ’s e Port Leòdhais a ghabh an sgrìobhadair Gàidhealach air: the Gaelic writer called in Port Leòdhais; ’s e Port Louis an t-ainm a bh’ air ann am Fraingis: its name was Port Louis in French; ghabh na Spàinntich thairis e: the Spaniards took it over; uaigneach: lonely.
All the letters
Tha gach Litir Bheag an seo / All the Little Letters are here.
Podcast: An Litir Bheag
The Little Letter for Gaelic Learners
An Litir Bheag air LearnGaelic
An Litir Bheag is also on LearnGaelic (with PDFs)
Podcast
-
An Litir Bheag
Litirichean do luchd-ionnsachaidh ura. Letters in Gaelic for beginners.