Main content
Sorry, this episode is not currently available

27/06/2005

Letter for those at an early stage in learning Gaelic.

Clip

An Litir Bheag 7

Tha seanfhacal ann mu farmad. ’S e sin “e˛Ô±ą˛â”. Farmad. Seo an seanfhacal: Sgoltaidh farmad na creagan. Sgoltaidh farmad na creagan. Tha e a’ ciallachadh gum faod farmad a bhith lĂ idir lĂ idir. Gum faod farmad mòr rudeigin mì-nĂ darrach a dhèanamh. Gum faod e a bhith cho lĂ idir ’s gum bris e clachan, no creagan, ann an dĂ  phìos. Gum faod farmad creagan a sgoltadh.

’S e sin a tha an seanfhacal ag ràdh. Ach a bheil e fìor? Uill, a rèir choltais, tha. Seo agaibh naidheachd bheag a tha a’ dearbhadh gu bheil e fìor. Thachair e o chionn fhada air a’ Ghàidhealtachd.

Bha fear ann uaireigin, agus bha e dìcheallach. Bha e ag obair gu cruaidh. Bha e a’ dèanamh mòran caise. Bha e a’ dèanamh barrachd cĂ ise na duine sam bith eile anns a’ choimhearsnachd. Agus bha e a’ reic barrachd cĂ ise na duine sam bith eile. Bha e gu tric a’ coiseachd seachad air na nĂ baidhean le poca air a dhruim. Bha e a’ dol don mhargaidh. Anns a’ phoca bha ł¦Ă ˛ú˛ą˛µ. ’S e cĂ bag pìos mòr cruinn cĂ ise. Bha e a’ dol a dh’fhaighinn airgead airson na cĂ baig anns a’ mhargaidh.

Ach cha robh na nàbaidhean toilichte leis. Cha robh càbagan acasan. Bha iad a’ smaoineachadh gu robh e a’ dèanamh cus airgid. Bha esan a’ fàs beartach. Bha iadsan bochd. Bha na nàbaidhean a’ coimhead air le farmad.

            Là a bha seo, bha fear na càbaig a’ coiseachd seachad air taighean a nàbaidhean. Bha poca air a dhruim. Ach cha robh càbag anns a’ phoca an turas seo. Bha clach-mhuilinn anns a’ phoca – clach-mhuilinn bheag. Ach cha robh fios aig na nàbaidhean gu robh clach aige. Bha iadsan a’ smaoineachadh gu robh càbag aige a-rithist. Agus bha iad farmadach. Bha iad a’ coimhead air an duine le farmad mòr nan cridhe.

Agus thachair rud annasach. Nuair a ràinig an duine a’ mhargaidh, dh’fhosgail e am poca. Agus dè lorg e? Cha robh a’ chlach-mhuilinn slàn. Bha i air a briseadh ann an dà phìos. Bha i air a sgoltadh. Ach dè sgolt i? Cha do thachair dad, ach gun do choimhead na nàbaidhean air le farmad. Thachair e dìreach mar a chanas an seanfhacal. Sgoltaidh farmad na creagan.

Faclan is abairtean

Faclan is abairtean: sgoltaidh farmad na creagan: envy will split the rocks; gum faod farmad a bhith lĂ idir lĂ idir: that envy may be extremely strong; rudeigin mì-nĂ darrach: something unnatural; gum bris e clachan: that it will break stones; a bheil e fìor?: is it true?; a tha a’ dearbhadh: which proves; thachair e o chionn fhada: it happened a long time ago; bha e dìcheallach: he was diligent; barrachd cĂ ise na duine sam bith eile anns a’ choimhearsnachd: more cheese than anybody else in the community; a’ coiseachd seachad air na nĂ baidhean: walking past the neighbours; margaidh: market; ’s e cĂ bag pìos mòr cruinn cĂ ise: a cĂ bag (kebbock) is a large round piece of cheese; bha e a’ dol a dh’fhaighinn airgead airson na cĂ baig: he was going to get money for the kebbock; cha robh na nĂ baidhean toilichte leis: the neighbours were not pleased with him; gu robh e a’ dèanamh cus airgid: that he was making too much money; bha esan a’ fĂ s beartach: he (emphasised) was growing wealthy; bha na nĂ baidhean a’ coimhead air le farmad: the neighbours were looking upon him with envy; bha clach-mhuilinn anns a’ phoca: there was a millstone in the bag; cha robh fios aig na nĂ baidhean: the neighbours didn’t know; le farmad mòr nan cridhe: with great envy in their hearts; thachair rud annasach: an unusual thing happened; nuair a rĂ inig an duine a’ mhargaidh: when the man reached the market; dh’fhosgail e am poca: he opened the bag; dè lorg e?: what did he find?; ˛ő±ôĂ ˛Ô: whole, complete; Bha i air a briseadh ann an dĂ  phìos: it (fem) was broken in two pieces; bha i air a sgoltadh: it (fem) was split; cha do thachair dad: nothing happened; ach gun do choimhead na nĂ baidhean air le farmad: except that the neighbours looked upon him with envy; thachair e dìreach mar a chanas an seanfhacal: it happened just as the proverb says.

All the letters

Tha gach Litir Bheag an seo / All the Little Letters are here.

Podcast: An Litir Bheag

The Little Letter for Gaelic Learners

An Litir Bheag air LearnGaelic

An Litir Bheag is also on LearnGaelic (with PDFs)

Podcast