Main content
Sorry, this episode is not currently available

A letter for Gaelic learners with Roddy MacLean.

Clip

Litir 404: Àird Chlach

Bha sinn ann an Àird Chlach an t-seachdain sa chaidh – gu deas air Inbhir Narann. Bha mi aginnse dhuibh mun tarbh-uisge ann an Loch Buaile Fhiodhaid. Aig amannan, bhiodh an tarbh-uisge a’ fàgail an locha, agus e miannach air feòil dhaoine. B’ urrainn dha a dhreach atharrachadh. Feasgar brèagha a bha seo, dh’fhàg e an loch le coltas eich air – each a bha brèagha, solt. Bha diollaid is srian air. Chunnaic e buidheann de chloinn a’ dol tarsainn nam boglaichean faisg air an loch.

Chunnaic a’ chlann an t-each brèagha. Chaidh iad dha ionnsaigh. Leig an t-each leis a’ chloinn grèim a ghabhail air an t-srian aige. Leig e leotha dhol air a mhuin. Bha a’ chlann cho sona risan Rìgh. Cha robh amharas sam bith orra nach e each ceart a bh’ ann.

Nuair a bha a’ chlann a’ marcachd air, chaidh e faisg air lochan beag dubh. Bhathar agràdh mun lochan sin gun robh e uabhasach fhèin domhainn. Bhathar ag ràdh cuideachd gunrobh e ceangailte ri Loch Buaile Fhiodhaid tro amaran dìomhair fon talamh. Gu h-obann, leum an t-each a-steach don lochan agus chaidh e à fianais. Thug e a’ chlann leis. An uair sin dh’atharraich e a dhreach air ais gu bhith na tharbh-uisge. Dh’ith e a’ chlann sa bhad. Thachair seo o chionn fhada ach aig toiseach an fhicheadamh linn, bhiodh cuid de sheann duine san sgìre fhathast a’ gabhail “Loch na Cloinne” air an lochan sin.

Cha robh an tarbh-uisge an-còmhnaidh cunnartach, ge-tà. Air làithean teth samhraidh, bhiodh e a’ tighinn a-mach ag ionaltradh faisg air an loch. Uaireannan bhiodh e a’ dol a chadal ann an blàths na grèine. Bha spòrs an uair sin aig na gillean. Bhiodh gille a’ feuchainn ri faighinn faisg air an tarbh-uisge gun fhiosta don bheathach. Nam faigheadh e faisg gu leòr, bhiodh e a’ tarraing gaoisidean far bian an tairbh mus biodh fios aig a’ chreutair dè bh’ air tachairt!

Bhiodh muinntir Àird Chlach ag ràdh mu dheidhinn duine a rinn sin gum biodh beatha mhath aige. Bhiodh airgead gu leòr aige is gheibheadh e deagh bhean. Bhiodh teaghlach mòr aige agus bheireadh e buaidh air nàmhaid sam bith a thigeadh na rathad. Ach chan eil sin a’ciallachadh gum biodh a h-uile càil rèidh. Chan fhàgadh e an saoghal gu sìtheil. Gheibheadh ebàs ann an tubaist obann, uabhasach.

Cha bu chòir dhuinn dìochuimhneachadh gur e nàdar de tharbh a bh’ ann, ged a bha e a’ fuireach fon uisge. Bhiodh e a’ fàs aonaranach anns an dachaigh aige. Bho àm gu àm bhiodh ea’ falbh a-mach a’ sireadh bò. Gheibheadh e cothrom as t-samhradh nuair a bhiodh treudan de chrodh sa mhonadh, uaireannan gun bhuachaille.

Às an aonadh eadar bò talmhainn agus tarbh-uisge thigeadh laoigh a bha furasta gu leòr aithneachadh. Bha na cluasan aca eagach, bha na h-earbaill aca goirid agus bha a’ bhian aca riabhach. Agus bha na ladhran aca dubh is gleansach. Bha coltas car fiadhaich air na sùilean aca cuideachd.

Bha dà laogh dhen t-seòrsa sin aig tuathanach. Thàinig an samhradh. Dh’iomain an tuathanach na laoigh gu talamh ionaltraidh. Ach mhothaich e gu robh an dà laogh le càirdeasdon tarbh-uisge a’ fàs mì-shocrach. Latha a bha seo, theich iad. Ruith an tuathanach is a chompanaich às an dèidh ach bha iad ro luath. Ràinig iad Loch nan Doirb gun sgìths sam bith orra, leum a-steach don loch agus chan fhacas tuilleadh iad.

Faclan na Litreach

Àird Chlach: Ardclach; Inbhir Narann: Nairn; tarbh-uisge: water-bull;Loch Buaile Fhiodhaid: Loch Belivat; amannan: times; solt: placid; diollaid: saddle; srian:bridle; amharas: suspicion; marcachd: riding; an-còmhnaidh: always; aonaranach: lonely;eagach: notched; dh’iomain: drove; mì-shocrach: uneasy; Loch nan Doirb: Lochindorb; sgìths:weariness.

Abairtean na Litreach

miannach air feòil dhaoine: desirous of human flesh; b’ urrainn dha adhreach atharrachadh: he could change his appearance; le coltas eich air: bearing the appearance of a horse; tarsainn nam boglaichean: across the bogs, marshy ground; dha ionnsaigh: towards it; leig e leotha dhol air a mhuin: it let them go on its back; uabhasach fhèin domhainn: exceptionally deep; bhathar ag ràdh gun robh e ceangailte ri: it was said that it was linked to; amaran dìomhair fon talamh: secret channels under the ground; chaidh e à fianais: it disappeared; dh’atharraich e a dhreach air ais: it changed its appearance back; dh’ith e a’chlann sa bhad: it ate the children immediately; bhiodh cuid a’ gabhail “Loch na Cloinne” air:some would call it “The Loch of the Children”; ag ionaltradh: grazing; gun fhiosta don bheathach: without the beast knowing; bhiodh e a’ tarraing gaoisidean far bian an tairbh: hewould pull hairs from the bull’s hide; bheireadh e buaidh air nàmhaid sam bith a thigeadh na rathad: he would defeat any enemy who would come in his way; gum biodh a h-uile càil rèidh:that everything would be smooth; chan fhàgadh e an saoghal gu sìtheil: he wouldn’t leave theworld peacefully; gheibheadh e bàs ann an tubaist obann: he would die in a sudden accident;cha bu chòir dhuinn dìochuimhneachadh: we shouldn’t forget; treudan de chrodh sa mhonadh,uaireannan gun bhuachaille: herds of cattle on the hill, sometimes without a herdsman; às anaonadh: from the union; bha a’ bhian aca riabhach: their hide was brindled; bha na ladhran acadubh is gleansach: their hooves were black and shiny.

Puing-chĂ nain na Litreach

Bha spòrs aig na gillean: the lads had fun. It’s interesting how aloan word from another language can either take on a new meaning or, alternatively, preservean older meaning or connotation that the word possessed in the donor tongue. Although spòrs(which came into Gaelic from English) is an equivalent to sport (as in football, shinty), it is justas likely to refer to fun or merriment (bha deagh spòrs againn – we had great fun). In Englishsport is thought to have originated as a variation of the noun disport which, according to myCollins Dictionary meant “amusement”. Although sport still has that meaning in English, theconnection with fun and amusement is stronger in Gaelic. Similarly, the adjective spòrsail canmean both “fun-loving” and “sporty”.

Samhla na Litreach

cho sona ris an Rìgh: as happy as could be (lit. as happy as the King).

Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic

Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)

All letters

Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here

Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh

Letter To Gaelic Learners

Podcast