Main content
Sorry, this episode is not currently available

A letter for Gaelic learners with Roddy MacLean.

Clip

Litir 396: Call na h-Eileanan Flannach

Bha mi ag innse dhuibh, an t-seachdain sa chaidh, mu chall dithis à Taigh-solais Heisgeir. Ach cha b’ e sin an call a bu mhotha – no a bu neònaiche – de luchd-obrach taigh-solais anns na h-Eileanan Siar. Thachair call mòran na bu neònaiche gu tuath air Heisgeir, agus mòran bhliadhnaichean roimhe.

B’ e sin call an triùir luchd-obrach à taigh-solais anns na h-Eileanan Flannach. Tha na h-eileanan sin gu siar air Leòdhas, agus thachair an tubaist anns a’ bhliadhna naoi ceud deug (1900). ’S e an rud a tha neònach mu a deidhinn nach eil fios aig duine chun an latha an-diugh dè dìreach a thachair.

Thadhail Màrtainn MacIlleMhàrtainn air Leòdhas aig deireadh an t-seachdamh linn deug. Sgrìobh e anns an leabhar aige A Description of the Western Islands of Scotland gun robh daoine a’ dol do na h-Eileanan Flannach à Leòdhas airson eunachadh.

Nuair a ruigeadh iad an t-eilean, bhiodh na daoine a’ toirt am bonaidean dhiubh, bhiodh iad a’ tionndadh gu deiseil, agus bhiodh iad a’ toirt taing do Dhia airson an cumail sàbhailte.

Air an Eilean Mhòr, am fear as motha de na h-Eileanan Flannach, tha tobhta ann. ’S e seann chaibeal a th’ ann, agus bha e na thobhta nuair a chaidh MacIlleMhàrtainn ann. Bha e coisrigte don Naomh Flannan a bha beò anns an t-seachdamh linn. Bha cliù aig na h-eileanan sin o shean mar àite naomh.

Nuair a bhiodh na h-eunadairean a’ dol ann, tha MacIlleMhàrtainn ag innse dhuinn, bhiodh iad a’ dol a dh’ionnsaigh na h-altarach. Nuair a bhiodh iad mu fhichead ceum coise air falbh bhon altair, bhiodh iad a’ cur dhiubh an cuid gheansaidhean is lèintean. Agus gach latha mus biodh iad a’ tòiseachadh air an eunachadh, bhiodh iad a’ dèanamh trì ùrnaighean eadar-dhealaichte an cois an t-seann chaibeil.

Bha iad saobh-chràbhach cuideachd. Bha cuid de dh’fhaclan ann nach cleachdadh iad anns an eilean. Mar eisimpleir, cha chanadh iad “creag”. An àite sin ’s e “cruaidh” a chanadh iad. Chanadh iad “uamh” an àite “cladach”. Agus cha robh e ceadaichte a bhith a’ cantainn ainm nan eilean anns an robh iad, no eileanan eile a bha ainmeil airson eunachadh – Hiort.

Chaidh taigh-solais a thogail air an Eilean Mhòr anns a’ bhliadhna mu dheireadh dhen naoidheamh linn deug. Chaidh an solas a chur thuige airson a’ chiad turas air an t-seachdamh latha dhen Dùbhlachd, ochd ceud deug, naochad ’s a naoi (1899). Dìreach dusan mìos às dèidh sin, air a’ chòigeamh latha deug dhen Dùbhlachd anns a’ bhliadhna naoi ceud deug (1900), thachair rudeigin fìor annasach. Cha d’ fhuaras fuasgladh air a shon fhathast.

Bha soitheach air slighe à Philadelphia gu ruige Lìte – port Dhùn Èideann. Chaidh i seachad air na h-Eileanan Flannach ann an droch shìde agus mhothaich an sgiobair nach robh solas sam bith a’ tighinn bhon taigh-sholais mar bu chòir. Dh’aithris e sin do na h-ùghdarrasan anns an Òban nuair a ràinig e am port sin. Ach cha do thachair dad sa bhad.

’S ann air an latha às dèidh Latha na Nollaige a ràinig soitheach nan taighean-solais – an Hesperus – an t-eilean. Cha robh sgeul air duine ann. Bha an triùir luchd-obrach air a dhol à fianais. Innsidh mi tuilleadh dhuibh mu dheidhinn a’ ghnothaich annasaich seo an ath-sheachdain.

Faclan na Litreach

Na h-Eileanan Flannach: The Flannan Isles; MàrtainnMacIlleMhàrtainn: Martin Martin; eunachadh: fowling, hunting birds; tobhta: ruin;eunadairean: wildfowlers; saobh-chràbhach: superstitious; ceadaichte: permitted; Hiort: StKilda; An Dùbhlachd: December.

Abairtean na Litreach

call dithis à Taigh-solais Heisgeir: the loss of two people from theHeisker lighthouse; an call a bu mhotha no a bu neònaiche: the greatest or strangest loss;thachair an tubaist: the accident happened; bhiodh na daoine a’ toirt am bonaidean dhiubh:the people would take their bonnets off; a’ toirt taing do Dhia airson an cumail sàbhailte:thanking God for keeping them safe; coisrigte don Naomh Flannan: dedicated to SaintFlannan; àite naomh: a holy place; a dh’ionnsaigh na h-altarach: towards the altar; bhiodhiad a’ cur dhiubh an cuid gheansaidhean is lèintean: they would take off their jerseys andshirts; trì ùrnaighean eadar-dhealaichte an cois an t-seann chaibeil: three different prayersin the vicinity of the old chapel; chaidh an solas a chur thuige: the light was lit; bhasoitheach air slighe à X gu ruige Lìte: a ship was en route from X to Leith; dh’aithris e sindo na h-ùghdarrasan anns an Òban: he reported that to the authorities in Oban; cha dothachair dad sa bhad: nothing happened immediately; cha robh sgeul air duine ann: therewas no sign of anybody there; air a dhol à fianais: had disappeared.

Puing-chànain na Litreach

Dìreach dusan mìos às dèidh sin: just twelve months afterthat. If you have trouble with counting the teens in Gaelic, dusan is a useful word toremember as an alternative to dhà-dheug (12). Note that dusan takes a noun in thesingular. Note also that it almost always appears in normal usage as an equivalent to asingle dozen eg dusan ugh, dusan gille, or a half-dozen (6) eg leth-dhusan ugh. You mightmeet with dà dhusan (two dozen, 24) occasionally, but only rarely will you encounterhigher multiples of dusan. For the English “dozens” (eg dozens of seagulls) we might useficheadan (twenties) or another expression meaning a considerable number (eg na huibhir)– ficheadan fhaoileagan or na h-uibhir de dh’fhaoileagan.

Gnàths-cainnt na Litreach

Cha d’ fhuaras fuasgladh air a shon fhathast: [lit.] asolution for it has not been obtained yet – ie it remains unexplained.

Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic

Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)

All letters

Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here

Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh

Letter To Gaelic Learners

Podcast