
15/12/2006
A letter for Gaelic learners with Roddy MacLean.
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 389
Duration: 05:37
Litir 389: Earra-GhĂ idheal
O chionn mòran bhliadhnaichean a-nise, rinn mi sreath phrògraman rèidio air eileanan beaga ann an Earra-GhĂ idheal. Thadhail mi air Giogha, Ulbha, na h-Eileanan Treisnis, Colasa agus Lios Mòr. Chòrd iad uile rium. Gu dearbh, cha chreid mi gu robh mi riamh ann an Ă ite sam bith air aâ GhĂ idhealtachd, co-dhiĂš air eileanan beaga na GĂ idhealtachd, nach do chòrd rium.
Ach tha Lios Mòr aâ stobadh a-mach bhon chòrr nam chuimhne. âS iad dĂ rud as coireach ri sin, chanainn â neart na GĂ idhlig anns an eilean, agus fear a bha mion-eòlach air eachdraidh is dualchas an Ă ite agus a thug taic mhòr dhomh. Bâ esan Dòmhnall MacIlleDhuibh. âS e sĂ r GhĂ idheal is duine gasta a thâ ann.
Tha Dòmhnall còir air leabhar a thoirt a-mach o chionn ghoirid â mu dheidhinn Lios Mòr. Tha an leabhar dĂ -chĂ nanach agus tha na pĂŹosan GĂ idhlig sgrĂŹobhte ann an dualchainnt an eilein. âS e an t-ainm a thâ air an leabhar Sgeul no DhĂ Ă s an Lios/A Tale or Two from Lismore.
Nuair a bha mi san eilean, dhâinnis Dòmhnall dhomh mu Mholuag, agus tha earrann anns an leabhar mu dheidhinn. Bha an Naomh Moluag gu math cudromach ann an eachdraidh na h-Alba. Thathar aâ smaoineachadh gur e Cruithneach Ă Ăirinn a bhâ ann. Bha e beò aig an aon Ă m ri Calum Cille. Seo na chanas Dòmhnall anns an leabhar:
Innsidh beul-aithris mun labhairt a bha eadar an dithis Naomh nuair a bha Moluag aâ toirt Chaluim Chille air cuairt tro Lios Mòr:
Calum Cille: âAn e seo an GĂ rradh Mòr?â
Moluag: ââS e Lios torrach a tha an seo.â
Bha Moluag na anam-charaid do Lios Mòr. Ainm-charaid â a âsoul friendâ. Fhuair e foghlam ann am Manachainn Bheanachair ann an ceann a tuath na h-Ăireann. Tha Dòmhnall ag innse dhuinn gun robh Moluag anns aâ mhanachainn aig an aon Ă m ri Briannan am Maraiche. Seo earrann eile aig Dòmhnall:
Còmhla ris bhiodh dĂ Abstalach dheug. ThĂ inig iad gu cladach air taobh an ear an eilein. BrĂ igh Port Moluag, agus ri taobh an uillt bha craobhan feĂ rn aâ cinntinn â craobhan a tha aâ cinntinn gus an lĂ an-diugh ri taobh aâ cheart uillt: cuimhneachan maireannach den Naomh Moluag, a rinn siubhal fada âs farsaing air feadh na h-Alba aâ sgaoileadh an t-Soisgeil. Bho Lios Mòr chaidh e air cuairt suas Gleann Mòr na h-Alba gu ruig an t-Eilean Dubh, far an do stèidhich e Manachainn an Ros Mhaircnidh, agus cuideachd aig Morthlach, dlĂšth air far a bheil baile Eilginn a-nis. Anns na h-Ă iteachan sin bha na manaich aâ teagasg na h-òigridh mar ann an oilthighean. A bharrachd air sgrĂŹobhadh is cunntas, bha iad aâ teagasg sgrĂŹobhadh le dealbhan dathach. Chaidh Ă iteachan CrĂŹosdail a stèidheachadh ann an ainm Mholuag ann am Muile, Tiriodh, Ratharsair agus an t-Eilean Sgitheanach. Chaidh an Teampall mòr a thogail ann an ainm Mholuag ann an ceann a tuath Leòdhais. Sheòl e cho fada tuath ri Innis TĂŹle ....
Chaochail Moluag anns aâ bhliadhna còig ceud, naochad âs a dhĂ (592). Tha Dòmhnall ag innse dhuinn gun robh e air a thiodhlacadh ann an Ăird Chlach faisg air Eilginn agus gun do âdhâfhalbh ceithir air fhichead de ghillean lĂ idir Liosach agus ghiĂšlain iad a dhuslach a h-uile ceum air ais don Lios. Chaidh a thiodhlacadh a-rithist far an deachaidh Ărd-eaglais Earra-GhĂ idheal a thogail ann an sia ceud bliadhna ri teachd.â
Faclan na Litreach
Abairtean na Litreach
Puing-chĂ nain na Litreach
GnĂ ths-cainnt na Litreach
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.