
01/12/2006
A letter for Gaelic learners with Roddy MacLean.
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 387
Duration: 05:42
Litir 387: Seumas Mason
Bha Seumas Mason a’ ruith soithichean a bha a’ cur buntà ta a-mach à Inbhir Nis gu ruige Lunnainn. Ach bha gaiseadh a’ bhuntà ta ann. Agus bha an sluagh feargach mu dheidhinn. Chuir daoine stad air Mason bho bhith a’ cur buntà ta air na soithichean. Gheall Mason gun toireadh e “arbhar is buntà ta gu leòr a-steach a dh’Inbhir Nis” nan robh sin a dhìth.
Ach cha robh an sluagh riaraichte. Bha fios aca gum biodh biadh mar sin fada ro dhaor dhaibh. Bhris iad na h-uinneagan anns an taigh aige. An uair sin, rinn iad air taigh fear eile a bha a’ dèanamh à s-mhalairt de bhuntà ta. Ach bha saighdearan ann romhpa.
Dh’fhuiling dithis lotan bho bheigleidean nan saighdearan. Chuir na saighdearan fichead duine an grèim. Mus d’ fhuair iad air ais don chaisteal leotha, thilg an sluagh tòrr chlachan orra. Bha am Pròbhaist feargach. Chanadh cuid mu dheidhinn gun dèanadh e aimhreit ann an eaglais fhalamh. Chan èisteadh e ri gearanan an t-sluaigh mu chion a’ bhìdh. An à ite sin, rinn e conastabalan sònraichte de chuid de dh’fhir bheartach a’ bhaile.
Agus rinn e cùisean na bu mhiosa. Chaidh cairt là n bhuntà ta a thoirt gu Taigh a’ Bhaile. Thug na h-ùghdarrasan a’ chairt tro na srà idean a dh’ionnsaigh a’ chidhe. Air an rathad, chaidh clach a thilgeil. Bhuail i am Pròbhaist. Leugh an Siorram Achd na h-Aimhreit.
Ach thà inig barrachd is barrachd dhaoine cruinn còmhla air an rathad don chidhe. Mu dheireadh, bha mu chòig mìle ann. ’S e sluagh mòr a bha sin oir cha robh ach còig mìle deug duine a’ fuireach ann an Inbhir Nis aig an à m. Chuir na daoine ruaig air na poilis le bhith a’ tilgeil clachan orra. Fhuair iad grèim air a’ chairt. Dh’fhuasgail iad an t-each agus thilg iad a’ chairt don abhainn.
Chaidh fios a chur do na saighdearan anns a’ chaisteal. Thà inig iadsan don chidhe leis na beigleidean aca ceangailte. Chuir iad còignear an grèim.
Chaidh stad a chur air daoine bho bhith a’ falbh a-mach eadar naoi uairean a dh’oidhche agus sia uairean sa mhadainn. Thairis air an oidhche, ge-tà , chaidh cuid a chur an grèim air srà idean Inbhir Nis.
Air Disathairne an seachdamh latha dhen Ghearran, ceithir latha às dèidh don aimhreit tòiseachadh, chaidh ochd là n-chairtean de bhuntà ta a chur air bòrd nan long aig a’ chidhe. Bha aon duine a’ feuchainn ri stad a chur orra. Ach bha saighdearan gu leòr an là thair. Chaidh an duine a chur an grèim. Bha buaidh aig na h-ùghdarrasan.
Nochd ceannard luchd na h-aimhreit, an gobha, Aonghas Siosalach, anns a’ chùirt anns a’ Ghiblean. Bha e fhèin is feadhainn eile fo chasaid de bhith ri aimhreit. Fhuair e naoi mìosan anns a’ phrìosan.
Ach tro thìde thà inig e am follais gu robh luchd na h-aimhreit ceart mun t-suidheachadh anns a’ cheann a tuath. Rinn an gaiseadh sgrios air a’ bhuntà ta air feadh na sgìre.
Chan e sin a-mhà in ach bha gainnead de dh’arbhar ann an cuid de dh’à iteachan cuideachd. A dh’aindeoin sin bha cuid fhathast a’ dèanamh à s-mhalairt de dh’arbhar. Anns an Fhaoilleach ochd ceud deug, ceathrad ’s a seachd (1847) chaidh aithris gu robh daoine ann an Srath Glais a’ fulaing le cion a’ bhìdh. Agus chaidh feadhainn ann an Inbhir Nis air ais air na srà idean air a’ chiad latha dhen Ghearran, feuch stad a chur air à s-mhalairt de bhiadh. Ach mhair an dà rna ar-a-mach dìreach latha, agus cha robh feum air saighdearan.
Faclan na Litreach
Abairtean na Litreach
Puing-chĂ nain na Litreach
GnĂ ths-cainnt na Litreach
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.