
03/11/2006
A letter for Gaelic learners with Roddy MacLean.
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 383
Duration: 05:42
Litir 383: Ri taobh Loch Nis
An t-seachdain sa chaidh bha sinn aig Dùn Dearduil faisg air Loch Nis. Chan eil sgìre ann an Alba a tha nas Gà idhealaiche a thaobh ainmean-à ite. Agus mar a bha mi ag rà dh anns an Litir mu dheireadh tha i là n taibhsean cuideachd, co-dhiù a rèir beul-aithris.
Bho Inbhir Nis faodar dhol a dh’ionnsaigh Dhùn Dearduil air rathad cumhang sà mhach. Bithear a’ tòiseachadh air a B862, a tha a’ dol gu ruige Cille Chuimein. Bithear a’ tionndadh dheth mus ruigear Tòrr an Eas. Eadar an ceann-rathaid sin agus Inbhir Fharragaig, ri taobh Loch Nis, chan eil ann ach cnuic is coilltean, le corra baile-fearainn an siud ’s an seo.
Faisg air a’ cheann-rathaid tha loch ann le ainm neònach, co-dhiù a rèir nam mapaichean. ’S e sin Loch Ceò Glais. Shaoileadh tu gu bheil sin a’ ciallachadh loch of grey mist.
Uill, bha mi a’ leughadh beagan mu eachdraidh na sgìre an latha eile, agus bha an t-ùghdar dhen bheachd nach e Ceò a bu chòir a bhith anns an ainm idir, ach Cè. Agus ’s e Cè an dreach ginideach air Cia, ainm air seann dia pà ganach Ceilteach. Mar sin, ’s e Loch Cè Glais a bu chòir a bhith air an loch, a’ ciallachadh the loch of grey Cia.
’S e Dùn Chia, ceart gu leòr, a chanar ris a’ chnoc air taobh a deas an locha. Agus air an Dùin, tha à ite air a bheil Tom na Croich (the hill of the gibbet). Tha an t-ainm sin air na mapaichean fhathast. A rèir choltais bha còraichean aig uachdarain o shean a bhith a’ cur feadhainn gu bàs air a’ chroich. Agus bhiodh Mac Shimidh a’ dèanamh sin bho à m gu à m air Tom na Croich.
Nuair a ghabhas tu an rathad beag cumhang a dh’ionnsaigh Dùn Dearduil, tha thu a’ dol a-steach a dhùthaich a bha ainmeil, anns an t-seann aimsir, airson ceatharnaich. A bheil sibh eòlach air an fhacal sin, ceatharnach? Chaidh e a-steach don Bheurla mar cateran, a’ ciallachadh freebooter, robber. Agus ’s e Baile Cheatharnach an t-ainm a bh’ air an à ite seo o shean. Cha robh na daoine ann cho onarach ’s a tha iad an-diugh, a rèir choltais.
Anns a’ ghleann tha ainm-à ite co-cheangailte ris na ceatharnaich. Seachad air baile-fearainn ris an canar Balnagarline, no Baile na Garbh-loinn, tha an rathad a’ dol thairis air allt. Aig an drochaid o shean bha muileann ann. Agus ’s e Muileann nam Biodag an t-ainm a bh’ air. Bhiodh na ceatharnaich a’ cur faobhar air na sgeinean, na biodagan, aca an sin mus fhalbhadh iad airson creach a thogail ann an à iteachan eile.
Tha fiosrachadh sònraichte air a ghlèidheadh mu aon bhaile-fearainn nas fhaide sìos an gleann, air a bheil Balchraggan no Bail’ a’ Chreagain. Tha fios againn air na h-ainmean a bh’ air na h-achaidhean ann aig à m nuair a bha grunn teaghlaichean a’ fuireach ann ri taobh a chèile, agus achadh fa leth aig gach baile-fearainn. Tha fiosrachadh mar sin air a dhol a dhìth ann am mòran de bhailtean na Gà idhealtachd. B’ iad na h-achaidhean Cùl Arachain, Bail’ an Fhraoich, Baile na Feadaige, Bail’ a’ Chreagain fhèin agus Bail’ an t-Sìthein.
Agus cò às a thà inig am fiosrachadh mionaideach sin? Uill, thà inig cuid mhath dheth bho bhodach air an robh Seumas Gobha. Chaochail e ann an naoi ceud deug ’s a trì (1903) aig aois ceud bliadhna. Innsidh mi dhuibh mu dheidhinn an ath-sheachdain.
Faclan na Litreach
Abairtean na Litreach
Puing-chĂ nain na Litreach
GnĂ ths-cainnt na Litreach
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.