
01/09/2006
A letter for Gaelic learners with Roddy MacLean.
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 374
Duration: 05:39
Litir 374: GrĂ mar DĂšbailt Beurla is GĂ idhlig
An do mhothaich sibh a-riamh mar a tha am facal fear air a dhol rudeigin boireann ann an cuid de sgĂŹrean? Tha mi aâ ciallachadh le sin, gum bi cuid ag rĂ dh an fhear, an Ă ite am fear anns an tuiseal ainmneach. Mar eisimpleir â sin an fhear a bha mi aâ ciallachadh an Ă ite sin am fear a bha mi aâ ciallachadh. Uill, chan e rud Ăšr a thâ ann. Bha e aâ tachairt anns na ceathradan dhen naoidheamh linn deug. Tha fhios aâm air sin, oir tha liosta aig Iain Foirbeis anns an leabhar aige GrĂ mar DĂšbailt Beurla is GĂ idhlig air a bheil âSeollairtean Gaelig Mi-cheartâ no Improper Gaelic Phrases agus tha an fhear ud â yon fellow, that man â nam measg.
Ach tha Foirbeis uabhasach Ă ilgheasach. Tha e ag rĂ dh nach eil feagal ceart is gur e eagal a bu chòir a rĂ dh. Tha e mĂŹ-thoilichte le Dè mar a tha sibh? is bhrist e a chas an Ă ite bhris e a chas. Agus tha e ag rĂ dh gu bheil e ceĂ rr a bhith ag rĂ dh char e a-null â is gur e chaidh e a-null a tha ceart. Ach buinidh na rudan seo do dhualchainntean na GĂ idhlig. Agus nach eil beairteas againn nar dualchainntean?
Ăistibh ri seo: Ărdachdainn, cruinneachdainn, cinneachdainn, ceasnachdainn ... and the like are improperly used by vulgar speakers for Ă rdachadh, cruinneachadh, ceasnachadh etc. A-rithist, nach e rud dualchainnteach a tha sin? Agus fhad âs a tha mi a-mach air dualchainntean, tha seo aige: The erroneous practice of pronouncing adh or eadh like ubh prevails to a great extent in Ross and Sutherlandshire; as bheirubh, chuirubh, chitu ... for bheireadh, chuireadh, chiteadh... Obh obh!
Air an lĂ imh eile, nach robh Foirbeis ceart ann a bhith aâ cur sĂŹos air abairtean mar tha e dependigeag ort oir tha abairtean matha GĂ idhlig ann airson sin. Dè chanadh sibh fhèin airson tha e dependigeag ort? Cuiridh mi na fuasglaidhean aig Foirbeis anns an dreach sgrĂŹobhte dhen Litir. ChĂŹ sibh sin ann am PĂ ipear Beag an Eilein Sgitheanaich, Observer Shruighlea no air lĂ rach-lĂŹn GhĂ idhlig aâ BhBC.
Nise, bu toigh leam tòimhseachan no dhĂ a chur mur coinneimh. Tha liosta de dhâabairtean Frangach aig Foirbeis, agus aâ GhĂ idhlig air an son rin taobh. Tha mi aâ dol a thoirt dhuibh na GĂ idhlig is tha mi airson âs gun can sibh dè an Fhraingis a thâ air gach abairt.
Seo a-nist iad: Ceann ri ceann. Ceann ri ceann â tĂŞte-Ă -tĂŞte. StrĂ c crĂŹochnachaidh. StrĂ c crĂŹochnachaidh â coup de grâce; Seòmar uaigneach mnĂ uaisle. Seòmar uaigneach mnĂ uaisle â boudoir. Gille-seòmair. Gille-seòmair â valet de chambre. Fear ionnsaichte. Fear ionnsaichte â savant. Dia âs mo chòir. Dia âs mo chòir â Dieu et mon Droit. Olc dhĂ san a smaoinicheas air olc. Olc dhĂ san a smaoinicheas air olc â honi soit qui mal y pense.
An robh sibh math orra? Bha. Très bien! Airson crĂŹoch a chur air an Litir, tha ceist agam dhuibh. Dè aâ GhĂ idhlig a thâ air irony? Ăoranas, nach e? Ach âs e sgèigeach a bhâ aig Foirbeis. Tha e aâ sgrĂŹobhadh Is e Sgèigeach figear anns am bheil neach ag rĂ dh gu sgèigeil, chan i a bheachd ach a ceart-chaochladh. Agus tha e aâ toirt eisimpleir â Their sinn ri giullan a dhĂŹochuimhnicheas a leasan â âGu dearbh is cĂšramach thu!â Beannachd leibh.
Faclan na Litreach
Abairtean na Litreach
Puing-chĂ nain na Litreach
GnĂ ths-cainnt na Litreach
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.