
28/07/2006
A letter for Gaelic learners with Roddy MacLean.
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 369
Duration: 05:11
Litir 369: Blà r na Lèine
An cuala sibh a-riamh mu chath air a’ Ghà idhealtachd air a bheil Blà r na Lèine? Nise, dè a’ Bheurla a th’ air sin? Field of the Shirt, nach e? Blà r na Lèine. Ach mar as trice, bidh daoine ag rà dh Field of the Shirts, agus tha iad a’ toirt adhbhar airson sin, mar a chì sinn tro thìde. Ach nach e Blà r nan Lèintean a bhiodh ann an Field of the Shirts? Co-dhiù tha an grà mar ceart no ceà rr – agus thig mi air ais don phuing sin airson deagh adhbhar – tha mi airson innse dhuibh dè thug orm smaoineachadh mu Bhlà r na Lèine – a thachair ann an còig ceud deug, ceathrad ’s a ceithir (1544).
Bha mi ann an Uibhist a Deas o chionn ghoirid, mar a bha mi ag rà dh anns an Litir mu dheireadh. Agus fhad ’s a bha mi ann, chaidh mi gu Taigh-tasgaidh Chill Donnain. Tha iomadach rud inntinneach ann agus tha mòran sgrìobhte ann an Gà idhlig, ged a tha là mh-an-uachdair aig a’ Bheurla ann, gu mì-fhortanach. B’ fheà rr leam gum biodh co-ionannachd eadar an dà chà nan ann an à ite mar sin, ach fà gaidh mi an deasbad sin gu latha eile.
Anns an taigh-thasgaidh, tha clach shnaighte ainmeil, air a bheil Clach Chlann ’ic Ailein. The Clanranald Stone ann am Beurla. Clach Chlann ’ic Ailein. Snaighte air a’ chloich tha suaicheantais Chlann ’ic Ailein. Thathar a’ smaoineachadh gun robh i air a snaigheadh anns an t-siathamh linn deug airson Iain Muideartach, ceann-cinnidh Chlann ’ic Ailein. Thathar a’ smaoineachadh cuideachd gun robh i bho thùs ann am balla ann an seipeal, no caibeal, anns an Tobha Mhòr, pìos beag sìos an rathad bho Chill Donnain.
’S e à ite cudromach a bh’ anns an Tobha Mhòr ann an eachdraidh na h-Eaglaise anns na h-eileanan. Nuair a chaochail Iain Muideartach ann an còig ceud deug, seachdad ’s a ceithir (1574), bha e air a thiodhlacadh anns an Tobha Mhòr. Agus dh’fhà g e airgead airson caibeal ùr a thogail anns an à ite sin. Thathar a’ dèanamh dheth gur ann an uair sin a chaidh Clach Chlann ’ic Ailein a dhèanamh.
Nuair a thòisich an caibeal air tuiteam às a chèile, chaidh a’ chlach a thoirt a-mach às a’ bhalla. Chaidh a cur am broinn na tobhta. Ach dh’fhaodadh duine sam bith a togail is a toirt air falbh. Agus ’s e sin a thachair. Ann an naoi ceud deug is naochad (1990), chaidh a’ chlach a ghoid. Chaidh a toirt gu ruige Lunnainn. Gu fortanach, fhuair Comunn Eachdraidh Uibhist a Deas air ais i às dèidh còig bliadhna.
Ach cà ite a bheil Blà r na Lèine a’ tighinn a-steach don ghnothach? Uill, bha Iain Muideartach an sàs anns a’ bhatail sin. Gu dearbh, bha e aig teis-meadhan a’ bhlà ir. Ann an còig ceud deug is ceathrad (1540) chaidh e fhèin is an Rìgh, Seumas V, a-mach air a chèile. Chaidh Iain a chur don phrìosan. Bha e air a bhith na cheann-cinnidh airson deich bliadhna aig an ìre sin.
Leis gu robh e sa phrìosan, bha deasbad ann mu cò ghabhadh thairis ceannas a’ chinnidh aige. Thug na Frisealaich – Clann ’ic Shimidh – taic do charaid aig Iain – Raghnall. ’S e ban-Fhrisealach a bh’ ann am mà thair Raghnaill, agus chaidh Raghnall fhèin a thogail mar dhalta aig na Frisealaich. Bha dà fhar-ainm aig na h-eileanaich air – Raghnall Gallta, leis gun do thogadh e ann an dùthaich ’ic Shimidh, agus Raghnall nan Cearc. Innsidh mi dhuibh mar a fhuair e an dà rna ainm sin, agus mu Bhlà r na Lèine, an ath-sheachdain.
Faclan na Litreach
Abairtean na Litreach
Puing-chĂ nain na Litreach
GnĂ ths-cainnt na Litreach
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.