
02/06/2006
A letter for Gaelic learners with Roddy MacLean.
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 361
Duration: 05:46
Litir 361: Dòmhnall MacAoidh
Bha Dòmhnall MacAoidh ann an geòla faisg air Inbhir Theòrsa. Bha e fhèin is feadhainn eile a’ dol a dh’fhaighinn uisge ann am baraillean airson an t-soithich aca. Bha Dòmhnall air a thoirt am bruid ceithir bliadhna roimhe. A-nise bha e faisg air an dachaigh aige ann an Dùthaich MhicAoidh.
Cò chunnaic e ann am bà ta eile ach feadhainn bhon sgìre aige fhèin. Dh’aithnich e iad agus dh’aithnich iadsan esan. Dh’èigh iad air a chèile. Cho luath ’s a thachair sin, thionndaidh na maraichean an geòla. Chaidh iad air ais don luing. Chuir iad an seòl an à irde agus dh’fhalbh iad.
Chaidh trì bliadhna eile seachad mus do rinn Dòmhnall dol-à s. Bha e a-nise naoi bliadhn’ deug a dh’aois. Bha e air a dhol a-null gu soitheach eile beagan mhìosan roimhe. Cha robh an criutha ùr cho eòlach air eachdraidh.
Co-dhiù, bha iad a’ seòladh faisg air costa mu thuath na h-Alba. Bha uisge a dhìth orra is chaidh iad gu Loch Eurabol. B’ e sin an loch far an deach Dòmhnall a thoirt am bruid seachd bliadhna roimhe. Chuir e roimhe teicheadh dhachaigh.
Bha fios aige nach fhaigheadh e a thuarastal ach bu choma leis sin. Bha aodach is gnothaichean pearsanta aige air bòrd, ge-tà . Chuir e aodach eile fon aodach obrach aige agus lìon e a phòcaidean le rudan. Bha e an dòchas nach mothaicheadh duine do na bha e a’ dèanamh.
Chaidh e fhèin is fear eile gu tìr ann an geòla. Nuair a bha na baraillean là n uisge, dh’iarr Dòmhnall air an fhear eile leum a-steach don bhà ta. Tharraing Dòmhnall an dà rà mh a-mach às na buthail-rà imh agus phut e an geòla gu muir. Cha robh comas snà imh aig an fhear eile. Dh’èigh e don fheadhainn air an t-soitheach mhòr, “Dh’fhalbh am balach bho thìr-mòr!”
Dh’èigh Dòmhnall airsan, “Beannachd leat!” Agus theich e. Air mullach cnuic choimhead e air ais. Bha an fheadhainn air an luing a’ leigeil geòla eile. Rinn Dòmhnall cabhag ach bha e uabhasach teth leis na bh’ air de dh’aodach. Bha am fallas air. Lorg e imir coirce. Bha adagan ann. Thug e sguab air falbh bho adag. Chaidh e am falach am broinn na h-adaig. Chuir e an sguab air ais na h-à ite.
Là igh e gu sà mhach. Chuala e na maraichean a’ ruith seachad air. An ceann greis, thill iad. Là igh Dòmhnall gu sà mhach airson greis a bharrachd. An uair sin, dh’èirich e a-mach às an adaig. Cha robh sgeul air duine.
Chaidh e gu mullach cnuic. Chunnaic e na maraichean a’ cur nan geòlaichean air bòrd na luinge. Às dèidh seachd bliadhna bha Dòmhnall saor.
An là rna-mhà ireach rà inig e Armadal. Chunnaic e athair ag obair anns an t-sabhal. Bha e air a dhol liath. Chunnaic an croitear an srainnsear òg seo a’ coiseachd dha ionnsaigh. Cha do dh’aithnich e e. Dh’iarr Dòmhnall cuid na h-oidhche air – rud a bha cumanta gu leòr sna là ithean ud.
“Ceart gu leòr,” thuirt athair, “ach feumaidh mi bruidhinn ris a’ bhean agam.” Chaidh iad a-steach còmhla agus thà inig mà thair Dhòmhnaill a-steach. Cha do dh’aithnich ise e na bu mhotha.
Cha b’ urrainn do Dhòmhnall na bha e a’ faireachdainn a chumail dha fhèin tuilleadh. “O mo mhà thair!” dh’èigh e. “Nach eil sibh gam aithneachainn?!” Uill, dh’aithnich an uair sin agus, às dèidh seachd bliadhna de dh’ionndrainn, tha mi cinnteach gu robh deòir an toileachais a’ sruthadh gu là idir.
Faclan na Litreach
Abairtean na Litreach
Puing-chĂ nain na Litreach
GnĂ ths-cainnt na Litreach
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.