
05/05/2006
A letter for Gaelic learners with Roddy MacLean.
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 357
Duration: 05:47
Litir 357: Muir is Tìr
Tha mi a’ toirt sùil a bharrachd air an leabhar a chuir Seòras Chaluim Sheòrais nach maireann ri chèile. ’S e an t-ainm a th’ air Muir is Tìr agus chaidh fhoillseachadh ann an Steòrnabhagh le Acair. Bha Seòras à Beà rnaraigh, air taobh an iar Leòdhais. Tha mi a’ dol a leughadh pìos a sgrìobh e mu “Na Tonnan”: Tha meud nan tonn an crochadh air 1. neart na gaoithe; 2. dè an ùine a tha stoirm a’ leantainn; 3. dè an fharsaingeachd mara thairis air a bheil a’ ghaoth a’ siubhal.
Aon uair ’s gu bheil tonn air a chur air ghluasad, eadhon ann am fèath, imichidh i mìltean de mhìltean là às dèidh là . Mar a tha na tonnan a’ dol air adhart tha an à ird aca a’ dol nas lugha, ach tha an fhaid aca (bho fìor mhullach aon tonn gu fìor mhullach na h-ath tè) a’ dol nas fhaide. Tha iad a’ dol nas luaithe ’s nas luaithe gus mu dheireadh gu bheil iad air thoiseach air an stoirm a chuir air ghluasad iad. Seo mar a tha droch mhuir na chomharra gu bheil droch thìde a’ tighinn. Muir a’ fàs dona an toiseach, ’s an stoirm a’ tighinn air a shà il.
Bidh a’ mhòr-chuid eòlach air sin mu thrà th, ’s dòcha. Ach tha an t-uabhas fiosrachaidh anns an leabhar nach fhaighte ann an à ite sam bith eile, cha mhòr. Mar eisimpleir, seo tòimhseachan dhuibh, stèidhichte air fiosrachadh san leabhar: Tha sibh a’ lorg rudeigin air grunnd na mara. Air an rud tha na pìosan a leanas: crùn, gà irdean, fiacail, bas, amhach, gob, calpa, stoc, gualann, fà inne, ciabhag agus dealg na ciabhaig. Dè th’ anns an rud air grunnd na mara?
Uill, cha chuireadh e iongnadh orm nan canadh sibh, “duine”, oir nach ann air duine a lorgar gà irdean, fiacail, amhach, calpa is mar sin air adhart? ’S ann, gun teagamh, ach chan e duine a th’ ann. ’S e acair a th’ ann. Acair. Chan e companaidh foillseachaidh, tuigidh sibh, ach an rud a cheanglas bà ta ri grunnd na mara agus a chumas san aon à ite i.
Tha measgachadh anns an leabhar de rudan traidiseanta a bhuineadh don Ghà idhealtachd agus gnothaichean eadar-nà iseanta air am bi iasgairean is maraichean eòlach. A bheil sibh fhèin eòlach air na seòrsaichean sgòthan a chithear anns an adhar? Tha mi a’ dol a thoirt tuairisgeul dhuibh de thrì. Feuchaibh ri dèanamh a-mach dè na trì a th’ ann. 1. Sgòthan glè à rd. Tha iad geal mìn-shìodach mar itean. Sgòthan glè à rd. Tha iad geal mìn-shìodach mar itean. ’S e sin cirrus. 2. Sgòthan meadhanach à rd. Tha iad cnapach cruinn, sgapte air feadh an adhair. Sgòthan meadhanach à rd. Tha iad cnapach cruinn, sgapte air feadh an adhair. ’S e sin alto-cumulus. 3. Sgòthan ìosal. Tha iad mar chlòimh canaich le bonn còmhnard agus mullaich chruinn. ’S e sin cumulus.
Agus dè tha anns a’ chumantas eadar na tachartasan seo? Cearcan a’ rèiteachadh an itean is geòidh fhiadhaich ag itealaich chun a’ mhonaidh. Tha iad le chèile ag innse gu bheil droch shìde air an rathad. Agus dè mu dheidhinn seo mar chomharra de dh’aimsir nan eilean?
Deà lradh na maidne: The too brilliant sunny morning, foretelling showers and rain(!) Chan eil math dhuinn a bhith cus ro dhòchasach mun aimsir, a bheil?
Agus, air a’ chuspair sin: Meanbhchuileagan: Midges, foretelling rain. Meanbhchuileagan agus uisge. Nach eil sin a’ cur nar cuimhne nach eil an samhradh fad à s!
Faclan na Litreach
Abairtean na Litreach
Puing-chĂ nain na Litreach
GnĂ ths-cainnt na Litreach
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.