
31/03/2006
A letter for Gaelic learners with Roddy MacLean.
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 351
Duration: 06:10
Litir 352: TeĂ rlach MacAoidh
Lorg mi seann leabhar iongantach ann an leabharlann o chionn ghoirid. Tha e air a sgrìobhadh ann am Beurla ach tha e mu dheidhinn dualchas na Gà idhlig. Bha an t-ùghdar a’ feuchainn ri dearbhadh gu robh, ’s dòcha, barrachd buaidh aig a’ Ghà idhlig air cà nanan Eòrpach eile na bha fìor. ’S e an tiotal a th’ air an leabhar The Gaelic Etymology of the Languages of Western Europe and more especially of the English and Lowland Scotch and of their slang, cant and colloquial dialects. Chan e tiotal goirid a th’ ann co-dhiù!
B’ e an t-ùghdar Teà rlach MacAoidh. Bha e na bhall de Chomann Rìoghail Luchd-à rsaidheachd na Danmhairg. Agus is cinnteach gu robh ùidh mhòr aige sa Ghà idhlig. Airson tomhas a dhèanamh air na beachdan aige, tha mi a’ dol a thoirt sùil air cuid de na faclan Beurla anns an leabhar aige a tha a’ tòiseachadh le “b”.
Tòisicheamaid le bastard no neach dìolain. Tha am facal Beurla a’ tighinn bhon Fhraingis batard, agus tha a’ chuid as motha de eòlaichean dhen bheachd gu bheil sin a’ tighinn bhon fhreumh bast, a tha a’ ciallachadh “dìollaid”. Tha e a’ nochdadh anns an abairt fils de bast – mac a chaidh a ghineadh nuair a bha athair air falbh bho dhachaigh air each.
Ach dè beachd Theà rlaich MhicAoidh air a’ ghnothach? Uill, tha esan ag rà dh gun deach e don Fhraingis bho na Ceiltich, agus gun robh bast a’ riochdachadh an fhacail baos ann an Gà idhlig.
’S e an ath fhacal aig MacAoidh baste – a’ ciallachadh mar a chuireas còcaire lionn thairis air feòil nuair a tha e ga còcaireachd. Tha MacAoidh dhen bheachd gun tà inig sin à baist, baisteadh ann an Gà idhlig. Às dèidh sin tha Bastille aige – am prìosan ann am Paris a chaidh a sgrios leis an t-sluagh aig toiseach Ar-a-mach na Frainge. Tha e coltach gun robh e air ainmeachadh airson an à ite anns an deach a thogail. Bha an t-à ite sin na bhoglach.
A bheil an t-ainm mar sin ceangailte ri baisteadh? Uill, tha na sgoilearan a’ cumail a-mach gun tà inig an seann fhacal Frangach bastile bho fhreumh Gearmailteach, a’ ciallachadh “togail”. Ach tha ar caraid Gà idhealach a’ cur air adhart mìneachadh eile. Sgrìobh MacAoidh gu robh e a’ tighinn bhon Ghà idhlig bàs agus tiodhlaic – bà s-tiodhlaic – oir, gu dearbh, ’s e sin a bha a’ tachairt gu tric am broinn ballachan a’ phrìosain. Is iomadh duine a fhuair bàs ann agus a bh’ air a thiodhlacadh às dèidh là imh.
Tha sin gam thoirt gu bauble. San latha an-diugh, bidh daoine a’ smaoineachadh air bauble mar dhèideag bheag air nach eil luach mòr sam bith. Ach gu h-eachdraidheil bha e a’ ciallachadh “maide aig amadan cùirte”. Thà inig bauble don Bheurla bhon Fhraingis, bhon fhacal baubel ach chan eil daoine cinnteach dè an rathad a ghabh e a-steach don Fhraingis.
Tha MacAoidh ag rà dh gun tà inig e bhon Ghà idhlig bà , “a fool”, agus ball, “an instrument”. Bà -ball – bauble. Mmm. Chan eil mi cho cinnteach. Ach ’s e an rud a tha math mu dheidhinn leabhraichean mar seo gu bheil iad a’ toirt oirnn smaoineachadh air tùs fhaclan. Agus dhuibhse a tha measail air coin, bheir sinn sùil air beagle an ath-sheachdain.
Faclan na Litreach
Abairtean na Litreach
Abairtean na Litreach
Puing-chĂ nain na Litreach
GnĂ ths-cainnt na Litreach
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.