
17/02/2006
A letter for Gaelic learners with Roddy MacLean.
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 346
Duration: 05:20
Litir 346: A’ Bhanntrach NicLeòid
Bidh sibh a’ cuimhneachadh gu robh sinn ann am Brà igh Mhà rr an t-seachdain sa chaidh. Leis gu robh a’ Bhanntrach NicLeòid a’ dol a chall na bà aice, airson an torc nimhe a bhiathadh, mharbh an gille aice, Sanndaidh, an torc. Cha robh Sanndaidh ach còig bliadhn’ deug a dh’aois. Fhuair e binn bà is airson na rinn e. Bhathar a’ dol ga chrochadh air Creag Choinnich.
Chuala a’ Bhanntrach NicLeòid gu robh an rìgh, Calum a’ Chinn Mhòir, gu bhith ann an Caisteal Ceann na Drochaid an ath là . Dh’fhà g i an taigh aice. Bha i airson coinneachadh ris an rìgh air an rathad mus ruigeadh e an caisteal. Bha i airson taic a shireadh bhuaithe. Chaidh i suas Gleann Cluainidh gu Bealach a’ Chùirn Bhuilg oir bha i cinnteach gun tigeadh an rìgh air an rathad sin bhon cheann a deas. Sin an dearbh ghleann anns a bheil an rathad mòr bhon cheann a deas an-diugh.
Chuir i seachad oidhche anns an à ite fhuar sin. B’ e sin an oidhche a chuir Sanndaidh seachad anns an toll-dhubh anns a’ chaisteal airson an torc a mharbhadh, mus do bhruidhinn e ris an uachdaran. B’ fheudar don bhanntraich feitheamh gu feasgar an ath-là mus do nochd an rìgh. Chrom i i fhèin aig casan an rìgh agus ghuidh i air beatha a mic a shà bhaladh.
Thuirt an rìgh gun dèanadh e rannsachadh air a’ chùis nuair a ruigeadh e Caisteal Ceann na Drochaid, agus dh’iarr e air a’ bhanntraich a leantainn ann. Rinn i sin. Cho luath ’s a rà inig an rìgh an caisteal thog e cuspair Shanndaidh MhicLeòid leis an uachdaran. Mhìnich an t-uachdaran mar a thachair bho a shealladh-san.
Thuirt an rìgh gum faigheadh Sanndaidh cothrom a bheatha a shà bhaladh. Chuireadh a mhà thair air leac air taobh thall Uisge Chluainidh. B’ e sin an t-à ite às an do loisg Sanndaidh air an torc. Dh’fheumadh Sanndaidh fuireach air drochaid-thogalach a’ chaisteil. Chuireadh fà d mònach air ceann na banntraich. Nan dèanadh Sanndaidh a’ chùis le bhith ga bhualadh le saighead bhiodh e air a leigeil ma sgaoil.
Bha an t-eagal air a’ ghille, ach b’ e sin an aon chothrom aige. Dh’iarr e gum biodh am bogha aige fhèin air a thoirt dha, agus an dà shaigheid a bha aige nuair a chaidh a chur an grèim. Fhuair e sin.
Air taobh thall Uisge Chluainidh, bha mà thair a’ ghille. Bha i na seasamh le fà d mònach air a ceann. Dh’amais Sanndaidh gu cùramach agus leig e sreang a’ bhogha. Bhuail an t-saighead anns an fhà d agus thuit am fà d far ceann a mhà thar. Rinn a h-uile duine a bha ga choimhead gà irdeachas.
Dh’iarr an rìgh air Sanndaidh tighinn air a bheulaibh. “Is math a rinn thu, ’ille,” thuirt e, “ach carson a dh’iarr thu dà shaigheid? Tha fios agad, nan robh thu air fà ilneachadh le aon tè, gum biodh tu air do chrochadh.”
“Nan robh mi air fà ilneachadh leis a’ chiad tè,” fhreagair an gille, “agus nan robh mi air mo mhà thair a mharbhadh, bha mi air an dà rna tè a chur annaibh fhèin.” Bha an t-uabhas air an t-sluagh a bha ag èisteachd ach rinn an rìgh lachan-gà ire. “Is math a thuirt thu!” dh’èigh e, agus leig e an gille ma sgaoil. Thill Sanndaidh agus a mhà thair don taigh aca ann an Gleann an t-Slugain agus dh’fhuirich iad ann an sin gu sìtheil. Thathar ag rà dh nach do tharraing Sanndaidh sreang bogha a-rithist an dèidh an là sin.
Faclan na Litreach
Abairtean na Litreach
Puing-chĂ nain na Litreach
GnĂ ths-cainnt na Litreach
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.