
20/01/2006
A letter for Gaelic learners with Roddy MacLean.
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 342
Duration: 05:00
Litir 342: Naomh Nachlan
Nuair a dh’fhà g sinn an Naomh Nachlan an t-seachdain sa chaidh, bha e san Ròimh. Bha a ghà irdean deas glaiste ri a chois mar pheanas, às dèidh gun do chà in e Dia. Thilg e an iuchair airson na glaise ann an Uisge Dè, ann an à ite ris an canar chun an là an-diugh Poll na h-Iuchrach.
Co-dhiù, nuair a bha e san Ròimh, cheannaich e iasg bho bhalach air an t-srà id. Dè lorg e am broinn an èisg ach iuchair – an aon tè a thilg e don abhainn ann an Alba. ’S e mìorbhail a bh’ ann. Thug Nachlan taing do Dhia. Bha e dhen bheachd gu robh Dia a’ toirt maitheanas dha.
Chuala am Pà p fhèin mun mhìorbhail agus chuir e fios gu Nachlan dhol a chèilidh air. Chaidh Nachlan ann agus dh’innis e don Phà p mun sgìre agus na daoine aige fhèin là imh ri Uisge Dè ann an Alba. Thathar ag rà dh gun do dh’iarr am Pà p air Nachlan fuireach san Ròimh greis agus gun do rinn e easbaig dheth.
Nuair a thill e a dh’Alba, thog Nachlan eaglais anns an Tulaich. Sgaoil e facal an Tighearna na b’ fhaide na dìreach sin, ge-tà . Thathar ag rà dh gun do thog e dà eaglais eile ann an Siorrachd Obair Dheathain. Bha tè dhiubh sin ann am Mealdruim. Bhathar ag rà dh gun do shà bhail e na daoine an sin bho phlà igh le bhith a’ cuairteachadh na paraiste air a ghlùinean. Bha muinntir an à ite a’ cumail a-mach gur ann sa chladh acasan a chaidh a thiodhlacadh às dèidh a bhà is.
Ach ’s ann don Tulaich as là idire a tha na ceanglaichean aige. A bharrachd air Poll na h-Iuchrach, tha Sliabh a’ Bheannachaidh agus Dail a’ Mhallachaidh ann. Tha iad le chèile co-cheangailte ris an naomh, a rèir beul-aithris. Ann an còig ceud deug, ceathrad ’s a h-aon (1541), stèidhich Righ Seumas V fèill do Nachlan. Bha sin air a cumail air an ochdamh là dhen Fhaoilleach anns an Tulaich. Nuair a dh’atharraich am mìosachan anns an ochdamh linn deug, chaidh a chur air adhart chun an naoidheamh là deug dhen Fhaoilleach.
Thogadh eaglais ùr air là rach seann eaglais an Naoimh Nachlain, ach tha sin na tobhta an-diugh. Tha mi a’ dèanamh dheth gu bheil an eaglais sin ainmeil – ach chan ann airson gnothaichean creideimh. A rèir beul-aithris, bha fìor dhroch shìde ann Didòmhnaich a bha seo. Bha am ministear dhen bheachd nach biodh coitheanal ann air sà illeabh na droch shìde. Dh’fhuirich e sa mhansa.
Ach chaidh gu leòr de mhuinntir an à ite ann. Bha iad a’ feitheamh ris a’ mhinistear. Ach bha e eagallach fuar anns an eaglais. Bha dà dhòigh ann airson cumail blà th, shaoil na daoine – le bhith a’ dannsadh no le bhith a’ gabhail dram.
Chaidh bonaid timcheall airson airgead, agus chaidh feadhainn de na gillean sìos an rathad gu taigh-seinnse. Thug iad uisge-beatha air ais leotha don eaglais. Thug iad fìdhlear leotha cuideachd. Cha b’ fhada gus an do thòisich feadhainn air dannsadh san eaglais – gu port ùr a chaidh a dhèanamh sa spot leis an fhìdhlear. Agus am port? Uill, ’s e fear ainmeil a th’ ann air a bheil “Ruidhle an Tulaich” – the Reel of Tulloch – agus ’s ann mar sin a thòisich e.
Faclan na Litreach
Abairtean na Litreach
Puing-chĂ nain na Litreach
Puing-chà nain na Litreach: ’s ann don Tulaich as là idire a tha na ceanglaichean aige: his strongest connections are to Tullich. I want you to look at the construction of this Gaelic sentence – it is entirely different from the English. Literally, we say, “it is to Tullich the strongest are his connections”. Note in particular the position of the superlative adjective. Here are two other examples: ’s ann do dh’Alba a bu mhò a bha e dìleas (it is to Scotland he was most loyal); ’s ann air a’ chroit as trice a lorgar e (it is most often on the croft he will be found)
Try to develop a feel for such constructions as you strive towards fluency – try to think in Gaelic where possible, and listen carefully to native speakers. A good person to listen to is Seumas Dòmhnallach, one of the presenters of Aithris na Maidne on ĂŰŃż´«Ă˝ Radio nan GĂ idheal (103.5-105 FM or on the internet). Why not listen to him this week?
GnĂ ths-cainnt na Litreach
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.