
02/09/2006
A letter for Gaelic learners with Roddy MacLean.
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 322
Duration: 05:49
Litir 322: Ceòl cadail
Chan fhaigh duine againn cadal math ma tha fuaim ann nach còrd rinn. Ach chan eil sin fìor mu dheidhinn a h-uile fuaim. Ma tha thu a’ campachadh, cluinnidh tu a h-uile cà il a tha a’ dol. Ma tha caoraich a’ mèilich no ma tha coileach a’ gairm, no ma tha do chompanach a’ dèanamh srann, chan fhaigh thu cadal math. Ach ma tha thu ri taobh uisge a tha a’ gluasad, chan ann mar sin a tha e. Gheibh thu cadal fìor mhath mar as trice.
Tha e gu h-à raidh furasta cadal fhaighinn ri taobh allt no eas. No an cois na mara. Eadhon ma tha an t-uisge ann, tha e furasta gu leòr cadal fhaighinn. Fhad ’s nach eil uisge ag ao-dion a-steach don teanta co-dhiù!
’S e ceòl cadail a tha sinn ag rà dh ri a leithid de dh’fhuaim. Ceòl cadail. Seo agaibh abairt à Beà rnaraigh Na Hearadh: ’S math an ceòl cadail e, uisge bragadaich air à irigh. ’S math an ceòl cadail e, uisge bragadaich air à irigh. Tha sin brèagha, nach eil?
Ann an dòigh tha an abairt seo car annasach. Anns a’ chuid as mò de bhothain-à irigh bhiodh am mullach air a dhèanamh de sgrà than agus fraoch no cuilcean. Agus cha chluinneadh tu mòran am broinn bothan mar sin. Cha dèanadh na boinnean uisge fuaim mòr sam bith air a’ mhullach. Cha bhiodh uisge a’ bragadaich idir air bothan-à irigh à bhaisteach. Ach buinidh an abairt seo do mhuinntir Bheà rnaraigh. Feumaidh gu robh rudeigin eadar-dhealaichte mu na bothain-à irigh acasan.
Agus bha. Bha an t-eilean ro bheag airson à irighean a bhith ann. Ach bha à irighean aig na h-eileanaich air eileanan eile ann an Caolas Na Hearadh eadar Na Hearadh is Uibhist – eileanan a bha gun sluagh. Leis gun deach iad a-null ann an eathraichean bha an-còmhnaidh rudeigin aca bhon eathar a dhèanadh mullach dhaibh. Bhiodh seòl aca no cainb-theà rra bhon eathar, agus bhiodh e furasta sin a chur an sàs mar mhullach, thairis air ballachan no tobhtaichean. Agus bidh fios agaibh cho fuaimneach ’s a tha mullach mar sin nuair a tha an t-uisge ann.
Chanadh muinntir Bheà rnaraigh gun cumadh an seòl no cainb-theà rra an t-uisge a-mach ach gun leigeadh e an ceòl a-steach. An ceòl-cadail.
Bhiodh suiridhe gu leòr a’ dol aig an à irigh san t-seann aimsir. Ach cha bhiodh cùisean cho furasta do chupallan òga nuair a bha iad air ais aig baile. Cha robh cà raichean aca agus bhiodh iad a’ coinneachadh taobh a-muigh nan taighean – ri taobh nan tobhtaichean no air an t-sitig. Le “air an t-sitig” tha mi a’ ciallachadh “taobh a-muigh an taighe”.
Mar a thuigeas sibh, dh’fhaodadh an luchd-suiridhe fàs gu math fuar is fliuch. Gu tric thigeadh an cnatan, no fuachd, orra. Agus tha abairt ann a tha muinntir Bheà rnaraigh a’ cleachdadh airson tarraing à cupallan òga ma tha an cnatan orra no ma tha iad a’ casadaich: Cnatan thobhtaichean is fuachd shitigean.
Tha mi an dòchas nach fhaigh sibh fhèin cnatan thobhtaichean agus nach fhada gus am faigh sibh ceòl cadail air an oidhche.
Faclan na seachdaine
Abairtean na seachdaine
Puing-chĂ nain na seachdaine
GnĂ ths-cainnt na seachdaine
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.